Sgrùdadh ga dhèanamh air an MV Isle of Lewis

  • Air fhoillseachadh
MV Isle of Lewis
Fo-thiotal an deilbh,
Chan fhada on a thill MV Isle of Lewis bhon doc.

Tha dùil ri luchd-einnsinniridh ann an Steòrnabhagh Diciadain gus sgrùdadh a dhèanamh air an MV Isle of Lewis.

Chaidh an soitheach a thoirt far na slighe eadar an t-Òban agus Bàgh a' Chaisteil Diluain leis gun robh ruideigin ceàrr le aon dhe na bow thrusters aice.

Thug daibhearan sùil oirre Dimairt agus chan fhaca iad sgath ceàrr oirre air an taobh a-muigh.

Chaidh ceist a thogail mun dòigh sa bheil obair bhliadhnail ga dhèanamh air soithichean Chaledonian Mhic a' Bhruthainn leis nach eil cho fada sin bho thìll i às an doc.

Dh'innis a' chompanaidh gu bheil iad ag aithneachadh a' bhuaidh a th'ann nuair a tha aiseag air a thoirt far slighe, ach gu bheil iad a' cumail orra ag obair gu dlùth le muinntir Bharraigh.

Rinn fear de chomhairlichean Bharraigh càineadh mòr air an t-suidheachadh ann an agallamh air Aithris na Maidne, madainn Dimairt.

Thuirt an Comh. Dòmhnall Manford gur e "cùis-nàire" a bh'ann agus gun robh e a' sìreadh coinneamh le Ministear nan Eilean Pòl Wheelhouse mu dhèidhinn.

Thuirt Robert Moireasdan, Stiùiriche-Obrach Chal Mac gun robh iad ag aithneachadh am buaidh a tha air a bhith aig seo air a' choimhearsnachd.

"Tha sgioba teicnigeach ag obair cho luath 's as urrainn dhaibh gus fuasgladh a lorg.

"Tha sinn a' toirt sùil air dòighean eile gus an t-seirbheis chudromach seo a' lìbhreagadh aig an àm seo", thuirt e.