Òran ùr ann an Ceap Breatainn

Dòmhnall Pollock
BBC Naidheachdan

  • Air fhoillseachadh
Màbu
Fo-thiotal an deilbh,
Màbu: Dùthaich mo ghràidh dhan bhàrd Alasdair an Rids Dòmhnallach agus dachaigh dhan chiad sgoil Ghàidhlig a bhios ann an Aimeireaga a Tuath.

C mi bhuam, fada bhuam, Chì mi bhuam, ri muir làin; Chì mi Ceap Breatainn mo luaidh, Fada bhuam thar an t-il.

B' e fear Alasdair Dòmhnallach - Alasdair an Rids - a sgrìobh na faclan ud san 19mh linn.

Bhuineadh an Dòmhnallach do theaghlach à Loch Abar agus e fhèin na phàirt den chiad ghinealach a rugadh ann an Aimeireaga a Tuath.

Dh'fhàs e suas ann am Màbu mus do ghluais na Dòmhnallaich gu Tìr-Mòr Alba Nuaidh. 'B ann an uairsin a sgrìobh Alasdair Cumha Cheap Breatainn 's e a' coimhead air ais thar an t-sàil dha eilean òige agus na coimhearsnachdan beaga an cois a' chladaich.

Creignis nan craobh.An Rubha Fada a tha ri taobh. Siùdaig nam fear cruaidh. Seastago nan tùr.

Màbu air a' chùl, b' i siud dùthaich mo ghràidh.

Coimhearsnachdan cho Gàidhealach 's a bh' ann aig deireadh an 19mh linn, ach coimhearsnachdan far an do thuit an cànan far creige, cha mhòr, tron 20mh linn.

Cugallach

Nuair a thadhail am prògram telebhisein iomraiteach Na h-Eilthirich aig a' BhBC air Ceap Breatainn anns na 1990an, b' e an co-dhùnadh chun an tàinig iad gum biodh cultar nan Gàidheal san eilean air a ghlèidheadh tro cheòl is dannsa, ged nach robh dòchas ann tuilleadh dhan chànan.

'S e co-dhùnadh ciallach is reusanta a bh' ann aig an àm. Cha robh air fhàgail beò le Gàidhlig ach beagan cheudan is a' mhòr, mhòr-chuid dhiubh suas ann am bliadhnaichean.

Ach b' e seo aona phort co-dhiù ris nach gabhadh cuid ann an Ceap Breatainn. Bha oidhirp air tòiseachadh anns na 1970an Gàidhlig a theagasg anns na sgoiltean, rud a chum co-dhiù eòlas air a' chànan beò am measg òigridh.

Tha tidsearan a chaidh an sàs aig an àm sin fhathast a' cur gu mòr ris a' choimhearsnachd Ghàidhealaich ann an Ceap Breatainn san là an-diugh.

Bha an cànan tric air a riochdachadh aig tachartasan cultarail còmhla ri ceòl is dannsa. Chaidh clàraidhean luachmhor a dhèanamh am measg an fheadhainn aig an robh a' Ghàidhlig bhon ghlùin.

Tùs an deilbh, Colaisde na Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh an sgoil ùr stèidhichte aig Beinn Mhàbu, làrach ùr aig Colaisde na Gàidhlig far am bi cuideachd cùrsaichean do dh'oileanaich.

Agus bha cuid, ann an àireamhan beaga, a chum a' Ghàidhlig beò nan dachaighean fhèin.

Ged a bha an cànan air leabaidh a' bhàis, bha meas is ùidh aig gu leòr innte fhathast.

Thàinig spionnadh às ùr san 21mh linn tro Ghàidhlig aig Baile, sgeama a dh'fhàs à modhanan teagaisg a thug Fionnlagh MacLeòid a Chanada.

Bha na modhanan stèidhichte gu tur air ionnsachadh is miann sa choimhearsnachd. Ghabh a' choimhearsnachd riutha.

Far an robh ùidh is meas, bha a-nise inneal a thug barrachd dhaoine gu fileantas, agus an ìre mhath sgiobalta.

Adhartas

Bha gluasadan cudromach cuideachd aig Colaisde na Gàidhlig. Bha ceannard ùr ann, Ruairidh Dòmhnallach, a bh' air Oifis Iomairtean na Gàidhlig a stèidheachadh nuair a bha e na Phrìomhaire air Alba Nuadh.

Fo stiùir an Dòmhnallaich, ghluais Colaisde na Gàidhlig gu follaiseach gus barrachd a dhèanamh 'son a' chànain fhèin.

Thàinig sgeamaichean eile a rinn feum mòr aig ìre na coimhearsnachd, mar phròiseact stèidhichte air obair Leanne Hinton, a rinn ceangal eadar na seann daoine le Gàidhlig a bha air fhàgail is luchd-ionnsachaidh. Ged nach robh na h-àireamhan ro mhòr, bha ginealach ùr leis a' Ghàidhlig ann an Alba Nuadh.

Ginealach ùr 'son an t-srì a chumail a' dol. 'S i a' cheist, dè cho seasmhach 's a bha seo uile?

Agus 's e sin a tha a' fàgail na naidheachd gun tèid bun-sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Ceap Breatainn cho cudromach.

Tha fios againn glè mhath ann an Alba nach dèan foghlam leis fhèin an gnothach air cànan a chumail a' dol is a neartachadh. Ach às aonais, a bheil cothrom idir ann?

Tùs an deilbh, Riaghaltas Alba Nuaidh
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an taic-airgid fhoillseachadh le Prìomhaire ùr Alba Nuaidh, Iain MacFhraing, a bhuineas do Mhàbu e fhèin bho thùs.

Bidh an sgoil ùr stèidhichte aig Beinn Mhàbu - togalach a bha roimhe na thaigh-cràbhaidh - is Riaghaltas Alba Nuaidh air cha mhòr $2m a thoirt do Cholaisde na Gàidhlig gus dàrna campas a stèidheachadh ann.

'S e Taigh Sgoile na Drochaid a bhios air, is thathar dòchasach gum fosgail e san t-Sultain am-bliadhna.

'S e am Prìomhaire ùr, Iain MacFhraing, a bhuineas bho thùs do Mhàbu e fhèin, a dh'fhoillsich an naidheachd.

A bharrachd air a' bhun-sgoil, bidh a' cholaiste a' ruith chùrsaichean aig Beinn Mhàbu aig ìre oilthigh fad na bliadhna - nam measg Gàidhlig is ceòl, is stiùireadh thachartasan. Bidh stèisean radio Gàidhlig le podcastan is ceòl tradiseanta ann cuideachd.

Gluasadan mòra uile, ach 's e naidheachd na sgoile gu sònraichte a ghlacas aire mhòran.

Gu h-iomchaidh, 's e Coinneach MacCoinnich, leas cheann-suidhe Beinn Mhàbu, mac Maureen NicCoinnich nach maireann a bha am measg nan laoch a chum a' Ghàidhlig beò ann an Ceap Breatainn anns na bliadhnaichean mu dheireadh den 20mh linn.

Teann

Bha Coinneach am measg àireimh glè bhig de chloinn ann an Alba Nuadh a dh'fhàs suas le Gàidhlig aig an àm sin. Bidh clann Choinnich is a mhnà Jenny a-nise am measg nan ciad sgoilearan ann an Canada a gheibh an cuid foghlaim aig sgoil Ghàidhlig.

'S e fìor oidhirp coimhearsnachd a bh' ann seo a thoirt gu buil ge-tà, agus 's e taic is neart na coimhearsnachd a dhearbhas an soirbhich leis.

Ann an Ceap Breatainn, far a bheil coimhearsnachdan buailteach a bhith cho teann ri sreang fìdhle, bidh iad dòchasach gun soirbhich is gur e ceum mòr a bhios ann air an rathad fhada a dh'ionnsaigh ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Timcheall air an àm a bha athair Alasdair an Rids Dhòmhnallaich a' dèanamh a dhachaigh ann am Màbu tràth san 19mh linn, bha bàrd eile às a' Ghàidhealtachd a' gearain mun t-saoghal ùr a bha roimhe fhèin ann an ceàrnaidh eile de dh'Alba Nuadh.

"Chaill mi a' Ghàidhlig seach mar a b'àbhaist" sgrìobh am Am Bàrd MacIlleathain.

Gu h-ainmeil, le ùine thàinig atharrachadh air beachd Mhgr MhicIlleathain mun "Choille Ghruamaich".

200 bliadhna bhon uairsin, tha cothrom ùr gu bhith aig sliochd nan Gàidheal ann an Alba Nuadh an cànan a chaill iadsan, cha mhòr, a lorg às ùr.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh