Bann-leathann nas luaithe air fàire 'son 15 eileanan

  • Air fhoillseachadh
Bann-leathann
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an sgeama R100 ag amas air bann-leathainn luath a tabhainn dhan a h-uile dachaigh agus gnìomachas ann an Alba.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba clàr-ama 'son pròiseict a bheir bann-leathann gu math nas luaithe dha 15 eileanan ann an Alba.

Nam measg tha Eige, Colbhasa, Eilean Ì agus Lios Mòr, leis a' chòrr ann an Arcaibh agus Sealtainn.

Cuiridh an sgeama R100 càbaill dha na h-eileanan fon mhuir.

Leigidh seo le muinntir nan eilean ceangal cho luath 's a tha aig mòran anns na bailtean mòra fhaighinn chun eadar-lìon.

Bidh sgrùdaidhean fon mhuir a' tòiseachadh sa Chèitein, cho fad 's a bhios an aimsir freagarrach, leis na càbaill gan cur sìos an ath-bhliadhna, a' tòiseachadh as t-earrach.