Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thachartasan sa Ghearasadan
- Air fhoillseachadh

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu shreath thachartasan anns a' Ghearasdan tràth madainn Diluain.
Thuirt iad gu bheil an cuid rannsachaidh mu na trì tachartasan aig ìre thràth agus gu bheil iad a' dèanamh sgrùdaidh feuch a bheil ceangal ann eatarra.
Chaidh fios a chur air na poilis aig mu 03:40m Diluain agus aithris ann gun deach milleadh a dhèanamh air taigh air Rathad Chill Mhàilidh agus gun deach uinneag a bhriseadh.
Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh.
Chaidh fios a chur orra a-rithist aig mu 06:00m agus carbad na theine aig làrach Àrd-Sgoil Loch Abair.
Bha luchd-smàlaidh an làthair agus chaidh cur às dhan teine.
Chaidh fios a chur air na poilis uair eile aig mu 07:00m agus aithrisean ann gun deach briseadh a-steach dhan Àrd-sgoil agus tha rannsachadh a' leantainn feuch cuin dìreach a thachair sin.
Thuirt Sergeant Chris Hardwick bho Phoileas a' Ghearasdain gu bheil iad a' rannsachadh na thachair, agus dh'iarr e air duine sam bith a chunnaic sgath amharasach fios a chur orra air 101.