Iomairt Prospect ga leudachadh

  • Air fhoillseachadh
Plèana

Tha buill an aonaidh Prospect gus an iomairt aca an aghaidh phlanaichean airson seirbheisean iùil nam plèanaichean a thoirt còmhla ann an Inbhir Nis a leudachadh.

Tha HIAL an dùil seirbheisean iùil aig sreath de phuirt-adhair a stiùireadh à ionad ùr ann an Inbhir Nis.

Thòisich buill Prospect air iomairt obrach goirid air stailc aig toiseach na bliadhna.

Dh'innis Prospect gun tèid a leudachadh a-nise.

Am measg nan ceumanan ùra, cha dèan luchd-obrach uairean a bharrachd is cha gabh iad ri leudachadh anns na h-uairean aca idir ach airson seirbheisean èiginn.

Cha tèid luchd-obrach an sàs a bharrachd ann an luchd-iùil ùr a thrèanadh.

Cron

Tha Prospect ag ràdh gu bheil planaichean HIAL a' ciallachadh gun tèid 50 cosnadh a chall is gum bi droch bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach.

Thuirt iad gun do sheall measadh a dh'fhoillsich HIAL fhèin na bu thràithe air a' mhìos an cron a nì na planaichean.

"'S e am plana ceàrr a tha seo agus aig àm nuair a tha gnìomhachas ann an staing air sgàth Covid-19", thuirt Dàibhidh Avery bho Prospect.

"Tha rudan nas cudromaiche ann an-dràsta air an tèid airgead poblach a chosg", thuirt e.

Dh'iarr Prospect air HIAL agus Riaghaltas na h-Alba beachdachadh air a' ghnothach às ùr.

Thuirt HIAL gum feum iad seirbheisean iùil ùrachadh.

Dh'innis iad gu bheil iad ag amas air luchd-obrach a th' aca mar-thà a ghluasad dhan ionad ùr a bhios aca ann an Inbhir Nis.