Fireannach an grèim sa Ghearasdan

  • Air fhoillseachadh
Poileas Alba

Chaidh fireannach, 29 a chur an grèim co-cheangailte ri milleadh, briseadh a-steach agus cur teine anns a' Ghearasdan.

Tha iad seo uile co-cheangailte ri gnothaichean a thachair sa bhaile Diluain.

Dh'innis na Poilis gun robh tachartasan ann mu 03:40m air Rathad Chill Mhàillidh agus eadar 06:00m is 07:00m aig làrach Àrd-sgoil Loch Abair.

Tha dùil gun nochd an duine sa chùirt ann an Inbhir Nis Dimàirt.