Cinn-là air am foillseachadh

  • Air fhoillseachadh
Gruaigearan ag obairTùs an deilbh, PA Media

Faodaidh gruaigearan agus ionadan gàirnealaireachd ann an Alba an dorsan fhosgladh dhan phoball a-rithist bhon 5mh Giblean.

Thèid an t-òrdugh gum fuirich daoine aig an taigh a thogail air an 2na là den Ghiblean, ged a dh'fheumas daoine fuireach anns na sgìrean comhairle aca fhèin chun an 26mh là den Ghiblean nuair a thèid na bacaidhean siubhail a thogail.

Air an là sin cuideachd, faodaidh bùithdean, gymaichean agus àiteachan fuirich do luchd-turais fhosgladh a-rithist, a thuilleadh air na h-uimhir de dh'aoigheachd a-staigh - fhad 's nach frithealair deoch-làidir.

Targaid

A' foillseachadh na naidheachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gu bheil "làithean nas soilleire romhainn".

Bu chòir gum bi sgoilearan na h-Alba air fad air tilleadh dhan sgoil an dèidh saor-làithean na Càisge.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gu bheil an Riaghaltas air targaid airson a' chiad dòs den bhanachdaich a thoirt don a h-uile duine ann am buidhnean prìomhachais "mòr-chuid de dh'inbhich na h-Alba" ro mheadhan a' Ghiblein.

Thuirt i gun toireadh sin "misneachd dhuinn bacaidhean a lagachadh fada a bharrachd bhon 26mh den Ghiblean."

Thèid a h-uile sgìre an Alba a th' ann an Ìre a Ceithir an-dràsta ìsleachadh gu Ìre 3.

Tha dùil gun tèid bacaidhean air siubhal air Tìr-Mòr a thogail gu tur.