Pròiseact àlachaidh a' chait fhiadhaich air tòiseachadh

  • Air fhoillseachadh
Piseagan cait-fhiadhaichTùs an deilbh, Saving Wildcats
Fo-thiotal an deilbh,
'S i Nell, an seo ann an dealbh a thogar nuair a bha i na piseag, a' chiad chat anns an ionad ùr

Chaidh a' chiad chat fiadhaich a chur a-steach gu ionad ùr àlachaidh air Ghàidhealtachd.

Tha na creutairean ann an cunnart a dhol à bith ann an Alba san àrainneachd nàdarra.

Thathas an dùil 16 cait a chur ris an ionad, aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd ann an Ceann na Creige, às an tèid piseagan a bheirear ann a leigeil ma sgaoil ann an diofar àiteachan.

'S i cat òg boireann air a bheil Nell a' chiad bheathach a th' air a chur ann.

Rugadh ise air Tèarmann Fiadhaich Aladail, faisg air Àird Ghaoithe ann an Cataibh.

Tùs an deilbh, Saving Wildcats
Fo-thiotal an deilbh,
Thogadh ionad àlachaidh aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd

Chan eil an t-ionad àlachaidh fosgailte don phoball.

Thuirt Comann Rìoghail Sù-eòlais na h-Alba, leis a bheil a' phàirc, gum faodadh iad na ciad phiseagan a leigeil ma sgaoil air Ghàidhealtachd an ath-bhliadhna.

Tùs an deilbh, Saving Wildcats
Fo-thiotal an deilbh,
Tha am pròiseact ag amas air cait a rugar anns an ionad a leigeil ma sgaoil air Ghàidhealtachd

Tha an comann a' ruith pròiseact gus cait fhiadhaich na h-Alba a shàbhaladh, an co-bhann le grunn bhuidhnean eile.

Thèid colair GPS a chur ris a h-uile cat a leigear ma sgaoil gus an cumar sùl orra.

Tha am pròiseact cuideachd ag amas air dèiligeadh ris na duilgheadasan a tha ag adhbharachadh crìonadh a' chait fhiadhaich.

Tha briodadh le cait taighe, tinneas agus call àrainneachd air fàgail gu bheil na h-àireamhan aca air tuiteam gu mòr.