Bùth-obrach coimhearsnachd air fàire am Brèascleit
- Air fhoillseachadh

Thèid seann togalach ann am Brèascleit an Leòdhas ùrachadh airson a bhith na bhùth-obrach coimhearsnachd.
Fhuair Urras Oighreachd Chàrlabhaigh taic-airgid £11,855 bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson an togalach a cheannach.
Thèid sgilean croitearachd agus eile a thoirt seachad do dhaoine anns an ionad.
Am measg eile, thèid uidheamachd croitearachd a chàradh ann, agus tha dùil gun tèid sgoth coimhearsnachd a thogail.
Thèid talamh timcheall air an togalach a chleachdadh airson pròiseact a bhrosnaicheas muinntir an àite a bhith a' cur 's a' buain.
Thathas an dòchas gum brosnaich sin daoine na croitean aca obrachadh airson barrachd bìdh a chruthachadh san sgìre.
Gheibh daoine òga cothrom obrachadh le feadhainn nas sine gus na sgilean seo ionnsachadh.