Coimhearsnachdan feumach air riochdachadh

  • Air fhoillseachadh
Baile croitearachd

Tha buidheann iomairt ùr air am bheil 'Guth nan Siarach' ag ràdh gum feum an Riaghaltas innse an tèid Urras Gàidhlig a stèidheachadh 'son an cànan a neartachadh anns na sgìrean traidiseanta.

Bha am moladh sin san leabhar 'The Gaelic Crisis in the Vernacular Community' a chaidh fhoillseachadh an-uiridh.

Tha Guth nan Siarach ag ràdh nach eil an taic a th' ann an-dràsta a' dèiligeadh idir ris an staing sa bheil a' Ghàidhlig agus iad ag iarraidh gealltanais bho phàrtaidhean poilitigeach na h-Alba uile gun aithnich iad gu bheil na sgìrean traidiseanta feumach air cuideachadh sònraichte.

"Tha sinn a' faicinn an t-suidheachaidh far a bheil dìth chothroman ann dha daoine a bhith a' coinneachadh agus a' cleachdadh Gàidhlig," thuirt Christine NicLeòid bhon bhuidhinn.

Misneachd

"Chan e coire duine sam bith a tha sin - 's e dìreach mar a tha cùisean, mar a tha an saoghal air atharrachadh.

"Ach tha tòrr obrach ri dhèanamh a' togail misneachd.

"Thar eachdraidh a' chànain tha daoine air call misneachd anns a' chultar againn agus anns an dualchas againn, agus tha tòrr obrach ri dhèanamh mus atharraicheadh beachdan dhaoine.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil adhartas mòr air a bhith air a dhèanamh le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus luchd-ionnsachaidh, agus tha na poileasaidhean a th' ann a' dèanamh diofair mhòir airson nan suidheachaidhean sin.

"Chan eil sinn a' faicinn gu bheil mòran buaidh aca air an t-suidheachadh anns na coimhearsnachdan againne, agus gu bheil feum air sùil gheur a thoirt air dè tha a' tachairt anns na coimhearsnachdan.

"Agus 's dòcha gu bheil feum air poileasaidhean eadar-dhealaichte, 's nach e na h-aon rudan a tha a' dol a dh'obraicheadh anns a h-uile àite.

"Mar sin tha sinn ag iarraidh cothrom gu bheil guth na Gàidheal air a chluinn cuideachd, agus gum bu chòir dha na trì pàirtean sin a bhith ag obrachadh còmhla - a' chlann a tha a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, na daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus na daoine a tha a' cleachdadh Gàidhlig nam beatha làitheil a h-uile là, ach chan eil sinn a' faicinn gu bheil sinn nar pàirt de na poileasaidhean idir mar a tha gnothaichean an-dràsta," thuirt i.

Tha a' bhuidheann cuideachd airson 's gun toirear aithne shònraichte do dhaoine a chleachdas a' Ghàidhlig nam beatha làitheil mar bhuidhinn chultarail.

"An-dràsta tha buidhnean ann a tha a' bruidhinn a-mach às leth phàrantan a tha a' cur an cuid chloinne tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh, tha an t-uabhas obrach air a dhèanamh airson òigridh 's tha sin math, ach chan eil buidheann sam bith ann a tha a' bruidhinn às leth nan coimhearsnachdan far a bheil a' Ghàidhlig air a cleachdadh nar beatha làitheil.

"'S iad na h-aon phoileasaidhean a th' ann airson a h-uile àite, ach chan eil sinne a' faicinn gu bheil na poileasaidhean sin èifeachdach.

"Nam biodh iad èifeachdach cha bhiodh sinn anns an staing anns a bheil sinn," thuirt i.

Thathas a' feitheamh air beachd bho Riaghaltas na h-Alba.