£3m do Chnoc Soilleir

  • Air fhoillseachadh
Cnoc SoilleirTùs an deilbh, Ceolas

Fhuair Cnoc Soilleir, an t-ionad 'son Gàidhlig, foghlaim agus cultair a thathas a' togail ann an Dalabrog an Uibhist a Deas eadar Ceòlas agus Colaiste a' Chaisteil ann an Leodhas, £3m bho Riaghaltas na h-Alba.

Seo an dàrna ìre den phròiseact agus thèid na h-uimhir den airgead seo gu ruige crìoch a chur air an togalach.

"Thèid an t-airgead seo, airson ùine an-dràsta, a chumail anns a' bhanca, gus an cruinnich sinn an £2m eile a dh'fheumas sinn a chur ris," thuirt Cathraiche Ceòlas, Màiri NicAonghais.

"Tha an dàrna ìre a' dol a chosg mu £5m a thogail.

"Tha sinn gun an obair mhòr a thòiseachadh airson sin a thogail fhathast, a thaobh 's, tha sinn ag obair air togail a' chiad ìre, agus tha sinn dòchasach gu bheil na th' againn de dh'airgead a' dol a dhèanamh a' ghnothaich air sin.

Cothroman

"An t-airgead ùr a tha seo, tha sin a' dol a dh'fhosgladh dorsan dhuinn.

"Tha sinn a' bruidhinn ris na daoine taiceil as àbhaist, mar a tha Comhairle nan Eilean, 's tha sinn a' dol a bhruidhinn ri Iomairt na Gàidhealtachd, 's tha mi cinnteach gum bruidhinn sinn ri feadhainn eile leithid Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.

"A thaobh 's tha dà thaobh air an rud. Tha cosgaisean an togalaich fhèin, ach tha cuideachd cosgaisean ruith agus cosgais an obair ri dhèanamh.

"Gu seachd-àraid tha na togalach seo a' dol a bhith feumail dhan dà bhuidhinn - Colaiste a' Chaisteil agus Ceòlas is coimhearsnachd Uibhist a Deas.

"Tha mi an dòchas gum bi a' chiad ìre, na rumannan teagaisg an sin, gum bi sin fosgailte deireadh na bliadhna seo, agus an uair sin gum bithear a' tòiseachadh air an ath-phìos, am pìos mòr a tha seo, cho luath 's a ghabhas às dèidh sin.

"Bidh bliadhna no dhà fhathast, ma bhios sinn beò is slàn, mus bi a h-uile rud deiseil."