Tagradh mun bhanachdaich anns na h-Eileanan an Iar

  • Air fhoillseachadh
Banachdach

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag iarraidh air muinntir na sgire tighinn air adhart gus banachdach Covid-19 fhaighinn cho luath 's a bhios cothrom aca.

Dh'innis àrd-oifigear a' bhùird, Gòrdan Jamieson, dhan BhBC gu bheil 72% de shluagh nan Eilean Siar aig a bheil cothrom air a' bhanachdaich a-nise air a' chiad dòs fhaiginn.

Tha seo nas àirde na ùghdarras ionadail sam bith eile ann an Alba.

Thuirt Mgr Jamieson cuideachd gu bheil e follaiseach gu bheil a' bhanachdach ag obair ann a bhith a' dìon an t-sluaigh.

Ach thuirt e gu bheil àiteachan gu leòr rim faighinn aig clionaigean banachdaich an t-seachdain seo fhèin nach deach a lìonadh fhathast.

Prìomhachas

Mar sin tha am bòrd ag iarraidh air daoine tilleadh thuca nuair tha iad ann am buidheann prìomhachais.

Aig an ìre seo, sin daoine nas sine na 40, daoine a tha a' toirt seachad cùram gun phàigheadh, agus daoine eadar 16 agus 64 a dh'fhaodadh a bhith ann an cunnart no aig a bheil trioblaid slàinte bunaiteach eile.

"Nuair a tha sinn a' cur fios air daoine mun bhanachdaich, tha mi dìreach ag iarraidh orra tilleadh thugainn cho luath 's a ghabhas agus àite a chur air dòigh", thuirt Mgr Jamieson.

"Tha sinn airson banachdach a thoirt dhan a h-uile duine cho luath 's a ghabhas. Bheireadh sin dhuinn an dìon as fheàrr a th' ann an aghaidh a' bhìorais.

"Feumaidh daoine tilleadh thugainn ge-tà. 'S dòcha gu bheil cuid ann nach eil ag iarraidh na banachdaich is tha sin ceart gu leòr ach nan cuireadh daoine fios oirrn, is nas fheàrr buileach nan cuireadh iad àite air dòigh.

"Tha e soilleir gu bheil a' bhanachdach a' dèanamh diofar. Ach tha àiteachan gu leòr againn rim faighinn fiù 's an t-seachdain seo fhèin nach deach a lìonadh is chan eil sinn buileach a' tuigsinn carson", thuirt e.

Thog Mgr Jamieson cuideachd air mar a tha na h-Eileanan an Iar air gluasad bho Ìre 4 gu Ìre 3 is a' cheist air cuin a bu chòir siubhail dha na h-eileanan fhosgladh suas.

Tha còmhraidhean a' leantainn mun sin eadar an riaghaltas, ùghdarrasan slàinte agus ùghdarrasan ionadail.

Cunnart

Thuirt Mgr Jamieson gu bheil an cunnart ann ma 's e is gun tig tòrr luchd-turais as t-samhradh mar a tha dùil, ach gum feumar cothromachadh a dhèanamh eadar sin agus an dìon a tha gu bhith aig eileanaich tron bhanachdaich.

"Tha ceist mhòr fhathast mu làithean-saora thall-thairis is bidh sin a' ciallachadh, tha e coltach, gum bi an sgìre seo gu math tarraingeach do dhaoine agus 's dòcha nas trainge na bha e a-riamh.

"Bidh cunnart an cois sin ach tha sinn a' gluasad air adhart le prògram na banachdaich gus dìon cho math 's a ghabhas a thoirt dhan t-sluagh.

"Ma nì sinn cothromachadh eadar sin, tha an t-àm ann fosgladh suas gu ìre, ach nì ministearan co-dhùnadh stèidhichte air an fhianais air fad", thuirt e.

Ach ged a tha connspaid a' dol aig ìre eadar-nàiseanta mu stòras na banachdaich is strì fiù 's air a son, thuirt Gòrdan Jamieson nach eil an suidheachadh air buaidh a thoirt air na h-Eileanan thuige seo is nach eil gainnead idir ann.