Gnothachasan eileanach a' fosgladh

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Na h-Eileanan an Iar ann an Ìre a Trì

Tha grunn ghnothachasan anns na h-Eileanan an Iar a' fosgladh Diardaoin agus an sgìre air gluasad bho Ìre 4 gu Ìre 3 de riaghailtean Covid-19 aig 6f Diciadain.

Bha na h-eileanan air a bhith aig Ìre 4 bho dheireadh an Fhaoillich agus diofar sgapaidhean den choròna-bhìorais ann.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo gun robh na h-Eileanan a' dol gu Ìre 3 mar thoradh air mar a thuit cùisean anns na seachdainnean mu dheireadh.

Tha seo a' ciallachadh gun urrainn gnothachasan mar bhùthan nach eil riatanach, cafaidhean is taighean-bìdh, is gruagairean fosgladh.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd is an ceannard, Ruairidh MacAoidh, ag ràdh gur e ceum air adhart a th'ann.

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil e an dòchas gun gluais na h-Eileanan gu Ìre 2 is an uairsin Ìre 1 a dh'aithghearr.

Deiseil

Ged a thàinig an naidheachd caran mar chlach às an adhair is dùil nach bi cuid fosgailte a' chiad ghreis, tha e coltach gun robh gu leòr eile deiseil cha mhòr sa bhad.

Nam measg bha Ailean MacIlleathain bho thaigh-bìdh Stepping Stones ann am Beinn nam Fadhla.

"Mar a h-uile gnìomhachas eile anns na h-Eileanan tha e truagh an-dràsta agus mar as luaithe a gheibh sinn air fosgladh, 's ann as fheàrr 'son nan Eilean air fad", thuirt Mgr MacIlleathain.

"Tha a h-uile duine glaiste a-staigh is chan fhaigh iad a-mach, ged nach biodh iad ag iarraidh ach cupa tì chan fhaigh iad air a dhol a-mach air a shon.

"Tha ionndrainn mhòr air rudan mar sineach ann an àite beag mar seo", thuirt e.

Thuirt Mgr MacIlleathain gu bheil dùil aige gum bi cùisean sàmhach sa chiad dol a-mach ach gu bheil e an dòchas gun tig fàs is gum bi deagh shamhradh ann 'son ghnothachasan nan Eilean Siar.