Urras Gàidhlig fhathast fon phrosbaig

  • Air fhoillseachadh
Na Hearadh

Thuirt Bòrd na Gàidhlig nach eil iadsan idir air co-dhùnadh nach bu chòir urras coimhearsnachd a stèidheachadh airson suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh anns na h-Eileanan.

Tha sin a dh'aindeoin is gun tuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil dad a dhùil aca an leithid de dh'urras a chur air dòigh.

Nochd am moladh an-uiridh san leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, a thug seachad rabhadh làidir mu shuidheachadh a' chànain ann an coimhearsnachdan eileanach.

Thòisich an deasbad às ùr an t-seachdain seo is buidheann iomairt ùr air a bheil Guth nan Siarach ag ràdh gun robhas a' feitheamh cha mhòr bliadhna 'son fios bhon Riaghaltas an robh iad am beachd urras a stèidheachadh.

Tha Guth nan Siarach ag ràdh gu bheil urras freumhaichte aig ìre na coimhearsnachd riatanach.

Ach dh'innis Riaghaltas na h-Alba oidhche Chiadain nach eil dùil idir aca seo a dhèanamh.

Èisteachd

Ann am brath sgrìobhte, thuirt an Riaghaltas gu bheil iad air a bhith ag obair le grunn bhuidhnean gus dèanamh cinnteach gu bheil guth nan coimhearsnachdan Gàidhlig a' faighinn èisteachd.

Thuirt iad gu bheil Bòrd na Gàidhlig a' stèidheachadh obraichean ùra aig ìre na coimhearsnachd gus an cànan a neartachadh.

"Tha grunn bhuidhnean is urrasan ag obair ann an coimhearsnachdan eileanach", thuirt an Riaghaltas.

"Chaidh an stèidheachadh le coimhearsnachdan gus coimhead ri feumalachdan ionadail. Tha sinn toilichte a bhith ag obair le gach buidheann is urras gus taic a chur ri leasachadh na Gàidhlig.

"Aig an ìre seo, chan eil planaichean aig Riaghaltas na h-Alba gus urras a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar", thuirt iad.

Dh'innis Bòrd na Gàidhlig ge-tà, gu bheil dùil acasan bruidhinn ri Guth nan Siarach is thuirt iad nach do chuir iad idir an aghaidh urras coimhearsnachd 'son na Gàidhlig.

"Cha do chuir sinn a-mach às sin idir is tha sinn fosgailte dhan bheachd sin" thuirt ceannard a' Bhùird, Shona NicIllinnein.

"Tha sinn a' cluinntinn bho Ghuthan nan Siarach is tha sinn gu bhith a' coinneachadh riutha, tha mi an dùil, airson a bhith a' cluintinn mu dheidhinn nam molaidhean is nam beachdan aca, so cha do chuir", thuirt i.

Sgeama ùr

Mhìnich i cuideachd mar a tha am Bòrd a' dol ann an com-pàirteachas ùr leis a' bhuidhinn Fearan Coimhearsnachd na h-Alba.

Fon sgeama, bidh taic-airgid suas ri £30,000 ri fhaighinn do do dh'urrasan coimhearsnachd a nì plana a sheallas mar a chuireas an obair aca ri cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns na sgìrean aca.

Tha an sgeama fosgailte do bhuidhnean anns na h-Eileanan an Iar agus ann an eileanan Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Dh'innis am Bòrd gur e pannal de riochdairean bho dhiofar roinnean is sgìrean a nì co-dhùnadh air an taic, is mar sin gun dèan an sgeama cinnteach "gum bi co-dhùnaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd".

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh