Deugaire marbh às dèidh tubaist rathaid faisg air Alanais

  • Air fhoillseachadh
Poilis AlbaTùs an deilbh, BBC

Tha rannsachadh air tòiseachadh às dèidh tubaist air rathad na Srùidh, am B9176 aig Faoighris oidhche Shathairne 27mh am Màrt, a dh'fhag gille aois 16 marbh.

Tha nighean aois 15 a bha sa chàr, gu math ìosal san ospadal.

Thachair an tubaist mu 21:35 air Disathairne am 27mh den Mhàirt.

Bha an càr, Audi RS4 liath, air a bhith a' siubhal dhan iar air rathad am B817 mus do thionndaidh e chun na làimhe deise air rathad am B9176. Thachair an tubaist goirid an dèidh sin nuair a bhual an càr balla aig ceann-rathaid fo-stèisean dealain Fhaoighris.

Cha robh càr sam bith eile an sàs san tubaist.

Ospadal

Chaidh draibhear a' chàr, fireannach aois 39, a thoirt dhan ospadal a bharrachd air boireannach aois 22 a bha na suidhe san aghaidh, còmhla ris a nighean aois 15 a bha sa chùl. Fhuair am boireannach aois 22 a-mach às an ospadal bhon uairsin.

Thuirt an Sàirdseant Daibhidh Mac a'Mhuilleir: "Tha sinn ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith a bha sa sgìre aig àm na tubaiste. Dh'fhaodadh criomag bheag de dh'fhiosrachaidh a bhith cudromach dhuinn."

Ma tha fiosrachadh aig duine sam bith cuiribh brath gu Poilis Alba air 101 a' cleachdadh a' chomharra 4030 airson an 27mh Màrt 2021.