Dàil eile air aiseagan ùra
- Air fhoillseachadh

Thàinig dàil eile air dà aiseag ùr a thathas a' togail do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn.
Dh'innis a' chompanaidh Ferguson Marine gu bheil tàire air a bhith aca luchd-obrach gu leòr fhastadh.
Tha iad cuideachd air innse gu bheil suidheachadh a' choròna-bhìorais air maill a chur air a' phròiseict.
Tha Ferguson Marine a' togail bàta a bhios a' frithealadh Eilean Arainn agus tè eile gus a bhith a' dol eadar an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath, is na Hearadh.
Bha dùil an toiseach gum biodh iad ann an seirbheis ann an 2018 is 2019.
Duilgheadasan
'S iomadh duilgheadas a tha air bualadh air a' phròiseict ge-tà, is na bàtaichean air dheireadh is thairis air buidseat.
Air a' cheann thall ghabh Riaghaltas na h-Alba smachd air Gàrradh MhicFheargais ri linn na staing ionmhais a bh' ann is na bàtaichean gu mòr air dheireadh.
Bha dòchas às dèidh sin gum biodh a' chiad aiseag ann an seirbheis aig deireadh 2022 agus an dàrna tè ann an 2023.
Tha Tim Hair bho Ferguson Marine a-nise air innse do chomataidh aig Holyrood gu bheil mì-chinnt a thaobh luchd-fastaidh a' fàgail "nach eil e comasach clàr-ama cinnteach a thoirt seachad a thaobh deireadh na h-obrach".
Thuirt e gun robh iad an dòchas 120 luchd-obrach a bharrachd fhastadh gus am b'urrainn dhaibh sioftaichean a bhith aca seachd là san t-seachdain.
An t-seachdain seo chaidh, cha robh aca ach 29 luchd-obrach a bharrachd.
Tàire
Tha iad ag ràdh gu bheil tàire aca luchd-obrach sgileil fhastadh gu h-ionadail is gu bheil iad a-nise ag amas air na h-obraichean a lìonadh le fo-chùmhnantan.
Dh'innis e cuideachd gun robh aca ris a' ghàrradh a dhùnadh fad ceithir seachdainnean san Fhaoilleach gus am biodh e a' tighinn a rèir riaghailtean Covid-19.
Thuirt Mgr Hair cuideachd gu bheil na glasaidhean air fàgail gu bheil luchd-obrach air làithean-saora a chàrnadh is gun cuir sin trì seachdainnean a bharrachd ris a' chlàr-ama.
Bha dùil an toiseach gun cosgadh na h-àiseagan £97m ach bidh na cosgaisean a-nise os cionn £200m air a' cheann thall.
Thuirt Mgr Hair gu bheil dùil aig Ferguson Marine an obair a dhèanamh fhathast taobh a-staigh a' bhuidseit a bharrachd a chaidh a chomharrachadh, eadar £110m is £114m.