Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd "ag èisteachd"

  • Air fhoillseachadh
NHS na Gàidhealtachd

Dh'aidich cathraiche Bhòrd Slàinte na Gaidhealtachd gu bheil na h-uimhir aca fhathast ri dhèanamh gus cultar na buidhne atharrachadh.

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan gu bheil "astar againn ri shiubhail" a thaobh a bhith a' dèiligeadh ri casaidean de bhurraidheachd ach thuirt e gu bheil am bòrd ag èisteachd ris na draghan a th' ann.

Bha e a' bruidhinn is dà aithisg a chaidh air beulaibh a' bhùird Dimàirt air nochdadh gun robh burraidheachd no dol-a-mach coltach ri burraidheachd fhathast a' dol air adhart aig a' bhuidhinn.

Thàinig na h-aithisgean bho Phanal Sgrùdaidh Neo-Eisimeileach a tha an sàs sa phròiseas shlànachaidh a chaidh a chur air dòigh gus cothrom a thoirt do luchd-obrach na draghan aca a thogail.

Ged a chaidh aithisg Sturrock mu bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd fhoillseachadh ann an 2019, tha feadhainn a thog draghan ag ràdh nach eil gu leòr air atharrachadh bhon uairsin.

"Tha sinn ag èisteachd agus ag ionnsachadh", thuirt an t-Oll. Robasdan.

"Tha sinn mì-chofhurtail agus duilich mu dheidhinn rudan a thachair ri daoine aig an àm, agus tha e tàmailteach agus tha e leamh gu bheil pàirt dheth sin a' dol air adhart fhathast a rèir a' phanail.

Conaltradh

"Cha robh dùil againn gum biodh an suidheachadh ag atharrachadh gu sgiobalta. 'S e prògram còig bliadhna a tha fainear dhuinn.

"Cuimhnich cuideachd gu bheil galar mòr Covid-19 air a bhith againn anns a' bhliadhna mu dheireadh. Chan e leisgeul a tha sin idir ach 's e dìreach airson beagan co-theacs a chur dhan ghnothach.

"Tha sinn a' gabhail ris gu bheil astar againn ri shiubhail fhathast mus tionndaidh sinn seo mun cuairt", thuirt e.

Dh'innis an t-Oll Robasdan gu bheil am bòrd air grunn cheumanan a chur an sàs gus dèiligeadh ri burraidheachd is gu bheil pròiseas soillear ann a-nise a tha a' leigeil le luchd-obrach draghan a thogail.

Thuirt e gu bheil e follaiseach gum feum iad barrachd a dhèanamh is gun lean conaltradh le luchd-obrach a thaobh na tha iadsan a' sireadh.

"Feumaidh sinn pròiseasan a chur air chois anns a' chiad àite agus an uairsin, aig an aon àm, feumaidh sinn a bhith a' cothachadh ris na ceistean mòra a th' ann mu dheidhinn mar a bhios daoine a' dèiligeadh ri chèile.

"Feumaidh e a bhith nas fheàrr na tha e air a bhith", thuirt e.