Obraichean air falbh ann an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Parsailean

Tha grunn dhaoine ann an Inbhir Nis air an cosnadh a chall às dèidh dha companaidh a bha a' lìbhrigeadh pharsailean às leth Amazon a dhol ann an rianachd.

Tha NGC Logistics ag obair le còrr is 200 dràibhear air feadh na Rìoghachd Aonaichte is a' mhòr-chuid ag obair air an ceann fhèin.

Dh'fhosgail a' chompanaidh ionad ann an Rathad Geata na Cars ann an Inbhir Nis sa Ghearran an-uiridh gus parsailean Amazon a lìbhrigeadh air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Air a' cheann thall bha a' bhliadhna a bu shoirbheachail aig Amazon a-riamh ann an 2020 is barrachd dhaoine a' ceannach air-loidhne ri linn staing Chovid-19.

Rianachd

Tha e a-nise air tighinn am bàrr gu bheil NGC Logistics air a dhol ann an rianachd.

Chan eil e follaiseach aig an ìre seo cia mheud duine air a' Ghàidhealtachd a chailleas an cuid cosnaidh ach tha cuid de na dràibhearan ag ràdh nach deach am pàigheadh airson obair a rinn iad.

Ann am brath, thuirt Amazon gu bheil e na bhristeadh-dùil gu bheil tè de na companaidhean a tha a' toirt seachad lìbhrigidh dhaibh air a dhol ann an rianachd.

Thuirt iad gu bheil iad a' toirt seachad taic dha dràibhearan NGC le a bhith a' conaltradh le companaidhean lìbhrigidh ionadail eile gus an tèid cothroman obrach eile a thabhainn orra.