Rabhadh bhon RNLI

  • Air fhoillseachadh
Sgioba RNLI a' ChaoilTùs an deilbh, Sgioba RNLI a' Chaoil

Tha Institiuid Rìoghail nam Bàtaichean-teasargainn air rabhadh a thoirt gum bu chòir daoine a bhith air am faiceall ma tha iad a' dèanamh air a' chost aig deireadh na seachdain.

Tha dùil ri barrachd dhaoine mu na cladaichean agus làithean saora na Càisge ann.

Bho Dhiaoine, bidh cead aig daoine siubhail mar a thogras iad taobh a-staigh chrìochan an ùghdarrais ionadail aca.

Mar sin, tha an RNLI air rabhadh a thoirt gum bu chòir do dhaoine a bhith gu math faiceallach.

Trang

As t-samhradh seo chaidh, bha barrachd ghairmean nan àbhaist aig a' bhuidhinn air feadh na dùthcha.

Thuirt aon de mhanaidsearan an RNLI, Jill Hepburn, nach eil a bhith a' lagachadh riaghailtean a' choròna-bhìorais a' ciallachadh gu bheil costaichean na dùthcha sàbhailte.

Thuirt i gu bheil cunnartan ann mar a bha riamh agus gum bu chòir dhaibhsan a tha a' fuireach an cois na tràghad neo faisg air làimh a bhith mothachail air a sin cuideachd.

Dh'innis an RNLI gu bheil an sàl cuideachd fhathast gu math fuar agus mar sin air leth cunnartach.

Thuirt iad gum bu chòir do dhuine sam bith a chì cuideigin ann an duilgheadasan anns an uisge fios a chur air 999 agus na maoir-chladaich iarraidh sa bhad.