Dragh às ùr mu ospadal Loch Abair

  • Air fhoillseachadh
Ospadal a' BhelfordTùs an deilbh, Google

Chaidh dragh a nochdadh às ùr mu cho fada 's a tha e a' toirt gus ospadal ùr a thogail sa Ghearasdan.

Tha cha mhòr sia bliadhna ann a-nise bho chaidh làrach a cheannach 'son an ospadail, a thèid an àite Ospadal a' Bhelford.

Chuala coinneamh de NHS na Gàidhealtachd Dimàirt gu bheilear an dòchas a-nise dreach aonta a ruighinn le Riaghaltas na h-Alba san t-Samhain.

Thuirt an Dr Mìchael Foxley, a bha roimhe na cheannard air Comhairle na Gàidhealtachd is a tha air a bhith ag iomairt airson ospadail ùir, gu bheil sin na bhriseadh-dùil.

Thuirt an Dr Foxley gu bheil luchd-obrach air leth aig Ospadal a' Bhelford ach gu bheil e follaiseach gu bheil cruaidh fheum air ospadal ùr.

Trèigsinn

"Tha a' choimhearsnachd ann an Loch Abar a' faireachdainn gun deach ar trèigsinn", thuirt an Dr Foxley.

"Tha sinne seachd searbh sgìth is tha sinn feargach.

"Tha sinn toilichte gu bheil adhartas ann ach tha e fìor chudromach gun tòisich obair-togail cho luath 's a ghabhas", thuirt e.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' tuigsinn mar a tha a' choimhearsnachd airson adhartas fhaicinn.

Dh'innis iad gur e ceum cudromach a bhios ann an dreach aonta is gu bheil e a' sealltainn mar a tha iad ag obair gu cruaidh gus ospadal ùr a stèidheachadh ann an Loch Abar.