Taighean gan leasachadh an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Stuth blàthachaidhTùs an deilbh, Getty Images

Fhuair Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comann Taigheadais Coimhearsnachd Earra-Ghàidheal £1.25m bho Riaghaltas Bhreatainn airson 130 taigh air feadh na sgìre a dhèanamh nas èifeachdaich a thaobh chumhachd.

Tha am pròiseact a' gabhail a-steach 11 eilean, agus cuidichidh e cuideachd bun-stèidh a chruthachadh airson dèiligeadh ri bochdainn connaidh agus Atharrachadh na Gnàth-shìde ann an sgìrean dùthchail.

'S e pàirt mòr den phròiseact sealltainn mar a ghabhas stuth blàthachaidh ùr cleachdadh, a ghabhas a chur air taobh a-muigh bhallachan.

Chuir an comann taigheadais beagan gann air £3.2m ris a' phròiseact cuideachd, ann an compàirteachas le SSE Energy Solutions.

Tha am pròiseact ag amas air modal a chruthachadh airson cleachdadh chàrboin a lùghdachadh ann an taigheadas sòisealta a ghabhas cleachdadh ann an sgìrean eile de Bhreatainn.