Ruigidh cunntadh mall Pàrlamaid

  • Air fhoillseachadh
Pàrlamaid

Tha Dòmhnall Moireasdan aig BBC Radio nan Gàidheal a' caoidh gun do chuir am pandemic às do dhràma oidhche an taghaidh

Foighidinn. Bha mise dheth an là a bhathas ga roinn a-mach air daoine, ach mu tha càil eile gu bhith a dhìth oirnn airson cunntadh na bhòt anns an Taghadh Albannach am-bliadhna 's e foighidinn.

Cha bhi sgeul air na prògraman àbhaisteach air radio agus telebhisean a' toirt seachad buil na bhòt ann an uairean beaga na maidne, oir cha tèid an cunntadh gu an ath là agus cuid aca nach tèid a chunntadh gu Disathairne, neo fiù 's Là na Sàbaid ann an cuid de shuidheachaidhean.

Tha sin a' ciallachadh gum feum sinn a dhol a chadal oidhche Dhiardaoin gun dad a dh' fhios againn ciamar a chaidh an Taghadh. Tha h-uile teansa gun dùisg sinn madainn Disathairne cuideachd 's gun fhios againn fhathast.

Carson dà là de chunntadh?

Cha thòisichear a' cunntadh nam bhòtaichean anns na diofar roinnean feadh na dùthcha gu 9 uairean madainn Dihaoine air a' char as tràithe, air sgàth 's gu bheil Bòrd Stiùiridh Thaghaidhean na h-Alba a' dèanamh dheth gum bi sin nas sàbhailte airson riaghailtean Covid a chur an sàs anns na h-ionadan-cunntaidh, seach a dhol an sàs ann an cabhag tron oidhche.

'S e Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr, a tha os cionn Bòrd Stiùiridh Thaghaidhean na h-Alba, 's tha e air stiùireadh a thoirt do na h-oifigearan-taghaidh feadh Alba nach fhaod cunntadh tòiseachadh gu 9 uairean madainn Dihaoine.

Tha e cuideachd air òrdachadh gu feum a h-uile h-àite a bhith air tòiseachadh a' cunntadh ro 10 uairean sa mhadainn, gus nach bi dàil gun adhbhar ann.

Ach carson nach gabh a h-uile càil cunntadh Dihaoine, mar sin, oir ann an àmannan àbhaisteach cha toir an cunntadh ach beagan uairean a thìde?

A-rithist, 's e sàbhailteachd nan ionadan-cunntaidh as coireach. Cha bhith uiread de luchd-cunntaidh ann - no gu dearbha uiread de luchd-amhairc sna tallachan - air sgàth 's gum feumar astrachadh sòisealta a chumail.

Tha cuideachd riaghailtean gu bhith ann a thaobh laimhseachadh bhocsaichean is phàipearan bhòtaidh, eagal's gum faodadh iad galar a sgapadh, agus mu tha cunntadh fhathast ri dhèanamh nuair a thuiteas an oidhche Dihaoine thèid stad gus an tig solas an là Disathairne.

An Liosta

Cur ri sin gu bheil an dà chuid roinnean-pàrlamaid agus bhòtaichean na Liosta rin cunntadh, agus tha dàil a bharrachd agad.

Tha cò na pàrtaidhean a gheibh seataichean air an Liosta an crochadh air cò a bhuannaicheas na roinnean-pàrlamaid anns a' cheàrnaidh sin de Alba, 's mar sin cha bhi fios cò aige a tha mòr-chuid, no dè an seòrsa mòr-chuid a tha aca, gus an tèid na Liostaichean a chunntadh.

Tha sin fìor anns a' h-uile taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba, ach tha rudeigin eile a bharrachd air a' phandemic a dh' fhaodadh a dhèanamh nas cudromaiche buileach dhan turas-sa.

'S e sin am pàrtaidh ùr aig Ailig Salmond - Pàrtaidh Alba - nach eil a' seasamh ach air an Liosta.

'S e teachdaireachd Mhgr Salmond do dhaoine bhòt na roinne-pàrlamaid aca a thoirt dhan SNP agus bhòt na Liosta do "Alba."

Chan eil fhios dè dhà rìreamh cho soirbheachail no eile 's a bhitheas pàrtaidh Mhgr Salmond, no a' bhuaidh a dh' fhaodadh sin a thoirt air an Taghadh, 's fàgaidh sin gum faodadh na "two sleeps" againn a bhith an-shocair agus mì-fhoighidinneach dhà rìreamh.

"Gheibh foighidinn furtachd"

'S dòcha nach eil sibh-se a tha a' leughadh seo cho mì-fhoighidinneach rium-sa, 's gum biodh sibh coma ged a bhiodh seachdain ann mus tig buil na bhòt a-mach.

Gun teagamh tha iomadh dùthaich anns a bheil siostam aca a tha a' toirt làithean a' cunntadh bhòtaichean, agus uaireanan seachdainean mus bi fios cò tha gu bhith nan riaghaltas.

Tha sinn eòlach air fiù's an Alba ann an taghaidhean comhairle - cha tèid an cunntadh gu an ath là.

Ach chan ionnan comhairle agus Pàrlamaid na dùthcha. Agus cha sheachd ionnan Taghadh àbhaisteach agus am fear-sa anns a bheil uiread an crochadh air am bhòt a thaobh eachdraidh na h-Alba san àm ri teachd.

"Gheibh foighidinn furtachd" a rèir gliocas an t-seann-fhacail. Uill, gheibh foighidinn Pàrlamaid, agus gheibh foighidinn riaghaltas gun teagamh.

Am faigh e fuasgladh - dhan turas-sa - do cheist mhòr, leantainneach bunreachd na h-Alba?

'S dòcha gun iarr sin tuilleadh foighidinn fhathast.