Comhairliche eileanach air an SNP fhàgail

  • Air fhoillseachadh
Calum Mac a' Mhaoilein

Tha fear de chomhairlichean nan Eilean Siar air an SNP fhàgail is e air gluasad dha Pàrtaidh Alba.

Thuirt Calum Mac a' Mhaoilein nach seas e sìos airson fo-thaghadh a ghairm.

Tha Mgr Mac a' Mhaoilein na chomhairliche 'son Barraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh agus Uibhist a Deas.

Dh'innis e gu bheil e den bheachd gu bheil siostam bhòtaidh Pàrlamaid na h-Alba ag obair an aghaidh phàrtaidhean a tha ag iarraidh neo-eisimeileachd 'son Alba, is gu bheil e a' faicinn cothrom nas fheàrr do luchd-taic neo-eisimeileachd tron phàrtaidh ùr a chuir Ailig Salmond air bhog an t-seachdain seo chaidh.

Às àicheadh

Chaidh Mgr Mac a' Mhaoilein às àicheadh gum bu chòir dha a dhreuchd mar chomhairliche fhàgail ged a bha e air an SNP fhàgail.

"Sheas mise nam chomhairliche 'son pàrtaidh a tha airson neo-eisimeileachd do dh'Alba. 'S e sin a th' annam fhathast agus cha do dh'atharraich dad", thuirt e.

Thuirt Mgr Mac a' Mhaoilein gu bheil e a' leantainn air ag obair gu dlùth le buidheann an SNP air Comhairle nan Eilean Siar.