Rabhadh eile bho na maoir-chladaich

  • Air fhoillseachadh
CobhairTùs an deilbh, Maoir-chladaich Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an trìuir bhalach a ghlacadh leis an làn Diardaoin.

Tha na maoir-chladaich air a' chost an iar air iarraidh às ùr air daoine a bhith air am faiceall timcheall air na cladaichean anns na làithean ri thighinn.

Thàinig an rabhadh is maoir-chladaich Steòrnabhaigh air cobhair a dhèanamh air triùir bhalach a bh' air an glacadh leis an làn air Tràigh Thunga Diardaoin.

Dh'innis maoir-chladaich Steòrnabhaigh gur e oifigear nach robh ag obair aig an àm a chuir fios thuca gun robh an triùir glacte air bàr-gainmhich is an làn a' tighinn a-steach.

Rinneadh cobhair air na balaich le heileacoptair is chaidh an toirt gu Port-adhair Steòrnabhaigh.

Thàinig taic bho Sgiobaidhean Teasairginn Steòrnabhaigh is Nis, Bàta RNLI Steòrnabhaigh, agus Poileas Alba.

Le stìuireadh "Fuirichibh aig an taigh" a-nise air a thogail, tha dùil gum bi daoine a' siubhail barrachd thairis air àm na Càisge.

Thuirt na maoir-chladaich air a' chost an iar, ma 's e 's gu bheil daoine a' dol dhan chladach, gum bu chòir dhaibh a bhith mothachail mu na cunnartan a tha an cois na mara.