Planaichean airson taighean an Asainte

  • Air fhoillseachadh
Làrach le sealladh de ShùilebheinnTùs an deilbh, Assynt Development Trust
Fo-thiotal an deilbh,
Chithear Sùilebheinn bhon làraich.

Tha Urras Leasachaidh Asainte air 55 acair de dh'fhearann a cheannach ann an Loch an Inbhir bho Eaglais na h-Alba le taic bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Le cruaidh fheum air taigheadas aig prìs reusanta san sgìre, 's e ceum mòr a tha seo dhan bhuidhinn a tha air a bhith a' coimhead airson talamh den leithid fad còig bliadhna deug.

Thàinig dearbhadh oifigeil aig deireadh na mìos a chaidh gun robh am pìos talmhainn seo ann an Loch an Inbhir ann an làmhan na coimhearsnachd.

'S e naidheachd air leth a th' ann do bhuidhinn a tha air ùine mhòr a chur seachad a' coimhead airson talamh a bhiodh freagarrach airson taigheadais.

Tha an làrach suidhichte air an rathad gu ruige Loidse Ghlinn Chanaisp.

Leis an talamh a-nis aca, tha an t-urras leasachaidh a' dol a dhèanamh co-chomhairleachadh sa sgìre mu dè dìreach a tha muinntir an àite ag iarraidh faicinn ann, a bharrachd air taighean.

Am measg bheachdan a th' aca mu thràth, tha aonadan coimearsalta, slighean coiseachd agus goireasan foghlaim is trèanaidh.