Rabhaidhean Sìde

  • Air fhoillseachadh
Sneachd

Le sneachd is gaoth làidir air fhaicinn ann am mòran sgìrean den Ghaidhealtachd is na h-Eileanan tron oidhche tha seo air dàil adhbhrachadh air rathaidean, seirbheisean rèile agus air seirbheisean aiseig.

Tha rabhaidhean buidhe an sàs aig Oifis na Sìde gu meadhan-oidhche Diluain airson sneachda agus gaoth làidir airson a' mhòr-chuid den Ghàidhealtachd, na h-Eileanan mu Thuath, Siorrachd Pheairt, Roinn a' Mhonaidh, Sruighlea agus Sgìre Aonghais.

Thuit a' ghlainne gu -5 sa Ghleann Mhòr oidhche Dhòmhnaich.

Cha bhi seirbheis ChalMac eadar Steòrnabhagh is Ulapul a' ruith Diluain agus tha maill air mòran sheirbheisean eile.

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh an seo.

Tha na Poilis ann an Arcaibh ag iarraidh air daoine a bhith air am faiceall airson sneachd is deigh a tha a' toirt buaidh air rathaidean an sin.

Tha a' mhòr-chuid de bhàtaichean-àiseig air seirbheis sa Chaol Arcach dheth no air dheireadh.