Tagradh ùr ann an cùis Tony Parsons
- Air fhoillseachadh

Rinn na poilis tagradh ùr 'son fiosrachaidh mu fhear-baidhseagail a fhuaireadh marbh air a' Ghàidhealtachd.
Chunnacas Tony Parsons, 63, mu dheireadh faisg air Taigh-Òsta Drochaid Urchaidh san t-Sultain 2017.
Bha Mgr Parsons aig an àm a' siubhail air rothar eadar an Gearasdan agus a dhachaigh an Tulach Cultraidh an Siorrachd Clach Mhanainn gus airgead a thogail do chathrannas.
Chaidh a chorp a lorg faisg air tuathanas ann an sgìre Drochaid Urchaidh san Fhaoilleach am-bliadhna.
Sgrùdadh
Chuireadh dithis fhireannach an grèim san Dùbhlachd ann an co-cheangal ri mar a chaidh Mgr Parsons a dhìth.
Chaidh an dithis, ri chèile 29, a shaoradh gus an rachadh tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.
Bha na poilis ri sgrùdadh às ùr ann an Earra-Ghàidheal thairis air an deireadh-sheachdain.
Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis a thighinn a bhruidhinn riutha.