Inbhir Nis air an rathad an Cupa na h-Alba

  • Air fhoillseachadh
Daniel MacAoidh.Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Daniel MacAoidh le tadhal na h-oidhche ann an Inbhir Pheofharain.

Thèid Caley Thistle an aghaidh St Mirren ann am Paislig san ath chuairt de Chupa na h-Alba.

Bidh an sgioba a nì a' chùis air falbh an aghaidh Cill Mheàrnaig no Mon Rois sa chairteal chuairt dheireannaich.

Chaidh moladh mòr a dhèanamh air Inbhir Nis às dèidh dhaibh Ross County a chur a-mach às a' chupa 3-1 oidhche Haoine.

Chaidh na Staggies air thoiseach sa chiad leth le tadhal bho Bhilly MacAoidh ach fhreagair Inbhir Nis sa bhad tro Nikolay Todorov.

'S iad ICT a chaidh air thoiseach san dàrna leth le tadhal air leth bho Dhaniel MacAoidh, mus do chuir Shane Mac an t-Sutharlannaich gleans air cùisean anns na mionaidean mu dheireadh.

Misneachd

'S beag an t-iongnadh gun robh manaidsear eadar-email Inbhir Nis, Neil McCann, air a dhòigh.

"Bha sin cho math 's a chì thu agus bha feum againn air an aghaidh sgioba bhon Phrìomh Lìog. Chunnaic sinn an spiorad a tha air a bhith cho follaiseach anns na seachdainnean mu dheireadh", thuirt McCann.

"Bha cruth air leth air an sgioba is chì thu mar a tha a' mhisneachd a' fàs. Togail a bha seo ach feumaidh sinn a-nise ullachadh is geama mòr againn an aghaidh Morton oidhche Mhàirt", thuirt e.

Chuireadh trì puigean ann an Grianaig ICT air ais anns na h-àiteachan play-off aig mullach na lìge.

Aig an dearbh àm bidh Ross County ag amas air briseadh-dùil a' chupa a chur air an cùl cho luath 's a ghabhas is geama lìge fìor chudromach acasan an aghaidh Cill Mheàrnaig Disathairne.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Brùra air eachdraidh a dhèanamh an aghaidh Hearts sa chuairt mu dheireadh, ach bha an t-Sròn Reamhar ro mhath dhaibh Disathairne.

'S e briseadh-dùil a bh' ann cuideachd airson na sgioba eile às a' Ghàidhealtachd a bha fhathast sa chupa is Brùra a' call 3-1 an aghaidh na Sròine Reamhaire.

Bha na Cataich air thoiseach fad còrr is uair a thìde tro bhreab-peanais bho Dale Gillespie, ach shàbhail Ayrton Sonkur an t-Stòn Reamhar le dìreach dà mhionaid air fhàgail.

Chuir tadhail bho Yates is Orr ann an ùine a bharrachd an sgioba bho cheann a deas na h-Alba troimhe.

Thuirt manaidsear Bhrùra, Steafan MacAoidh, gu bheil aire a' chlub a-nise air na geamaichean play-off aca an aghaidh Kelty Hearts.

Cothrom

"Tha seo goirt oir bha fios againn gur e cothrom sònraichte a bh' ann adhartas a dhèanamh", thuirt MacAoidh.

"Ionnsaichidh sinn às ge-tà, is tha an t-ullachadh a' tòiseachadh an-dràsta airson nan geamaichean an aghaidh Kelty.

"Dà chuairt dheireannach a tha sin is tha sinn a' coimhead air adhart riutha", thuirt e.