'Tha sinn deiseil': Comhairle na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Sgoil

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad deiseil airson mar a thilleas sgoilearan àrd-sgoile gu clasaichean làn-ùine às dèidh saor-làithean na Càisge.

Dh'innis an t-ùghdarras gun cùm iad sùil gheur air mar a thèid le sgoilearan is gu bheil iad misneachail gun soirbhich leotha.

Thàinig dearbhadh Dimàirt gun till sgoilearan air feadh na h-Alba dhan sgoil ach a-mhàin feadhainn a tha air a bhith a' fuireach fa leth air adhbharan slàinte.

Thathas a' comhairleachadh do sgoilearan san t-suidheachadh sin fuireach aig an taigh chun 26mh den Ghiblean.

Cha bhi aig sgoilearan tuilleadh ri bhith a' cumail dà mheatar bho chèile anns an sgoil, ach feumaidh iad fhathast còmhdach aodainn a bhith orra am broinn togalaichean sgoile.

Ullachadh

Gheibh a h-uile sgoilear cothrom air deuchainn Chovid dà thrup san t-seachdain.

Thuirt cathraiche comataidh foghlam Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil e a' tuigsinn gum bi cuid de phàrantan iomagaineach.

Dh'innis Iain Fionnlastan ge-tà, gu bheil an t-ùghdarras air ullachadh a dhèanamh is gu bheil iad misneachail gun soirbhich leotha.

"Tha fios againn gun robh mar a thill sgoilearan bun-sgoile ron Chàisg gu math soirbheachail", thuirt an Comh. Fionnlastan.

"'S e sàbhailteachd an rud as cudromaiche. Bidh còmhdach aodainn air sgoilearan na h-àrd-sgoile fad na h-ùine is cothrom aig gach sgoilear aig gach aois air deuchainnean Chovid.

Measaidhean

"Tha e cudromach cuideachd gu bheil fios aig gach sgoil mun t-suidheachadh aca fhèin is na sgoilearan aca fhèin. Tha fios aca dè na ceumanan eile a dh'fhaodadh a bhith feumail dhaibh fhèin.

"Ach chan eil dad ùr an seo is tha sinn air a bhith ag ullachadh air a shon. Tuigidh mi mar a bhios iomagain air cuid de phàrantan ach tha sinn deiseil", thuirt e.

Dh'innis an Comh. Fionnlastan gu bheil oifigearan na comhairle air a bhith a' dèanamh mheasaidhean air a h-uile sgoil is a' coimhead am measg eile ri siostaman a tha a' gluasad èadhar timcheall nan togalaichean.

Gheall e gun tèid dèiligeadh ri duilgheadasan sam bith a nochdas.

Thuirt e cuideachd gu bheilear an dòchas gum bi e comasach barrachd ionnsachaidh a-muigh a dhèanamh eadar seo is làithean-saora an t-samhraidh.