Oifigearan Chovid air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Chaidh ceathrar oifigearan fhastadh le Comhairle na Gàidhealtachd airson daoine a chuideachadh le a bhith a' leantainn nan riaghailtean mu Chovid-19.

Se aon de na prìomh dhleastanasan a bhios aca, a bhith a' mìneachadh an stiùiridh as ùire do ghnothachasan agus luchd-fastaidh.

Tha triùir stèidhichte ann an sgioba Slàinte Àrainneachdail an ùghdarrais agus an t-oifigear eile ag obair le sgioba nan Inbhean Malairt.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil na h-oifigearan mar-thà air 160 sgrùdadh a dhèanamh am measg ghnothachasan bìdh, stèiseanan connaidh agus companaidhean tacsi.

Thuirt manaidsear na Slàinte Àrainneachdail, Ailean Yates, gun cuidich na h-oifigearan le a bhith a' misneachadh an t-sluaigh gu bheil gnothachasan air a' Ghàidhealtachd ag obair gu sàbhailte.