Dòchas mu sheirbheisean slàinte

  • Air fhoillseachadh
Luchd-iomairt

Chaidh innse gu bheil NHS na Gàidhealtachd agus riochdairean coimhearsnachd Cheann a Tuath an Eilein Sgitheanaich "a' tarraing air an aon ràmh a' chuid as motha den ùine".

Thàinig am beachd bho Mhagaidh Choineagan, a tha air a bhith ag obair thuige seo mar eadar-mheadhanair anns a' phròiseas gus na molaidhean aig Sir Lewis Ritchie a thaobh seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach a chur an sàs.

Dh'èirich na molaidhean sin bhon aithisg a rinn Sir Lewis mu phlanaichean connspaideach a bh' aig NHS na Gàidhealtachd airson cruth-atharrachadh a thoirt air seirbheis na slàinte.

Air a' cheann thall dh'aontaich am bòrd molaidhean na h-aithisg a chur an sàs.

Tha connspaid às ùr a bhith ann bho chionn ghoirid ge-tà, agus dragh ga thogail le cuid gu bheil am bòrd slàinte a' coimhead às ùr ri dùnadh Ospadal Phort Rìgh.

Gealltanas

Dh'innis luchd-iomairt gun robh iad ag iarraidh gealltanas nach biodh seirbheisean-slàinte uile ann an ceann a tuath an Eilein air an gluasad gu làrach dachaigh-cùraim Home Farm.

Bha sin am measg cheistean a nochd aig coinneimh mu sheirbheisean slàinte an Eilein Sgitheanaich Dimàirt is Magaidh Choineagan sa chathair.

"Tha togalaichean a tha leis a' bhòrd ann am Port Rìgh. Tha Home Farm a-nise mar fhear dhiubh", thuirt a' Bh.Ph. Choineagan.

"Ach chan eil sin ag ràdh gu bheil Bòrd na Slàinte air cur romhpa dè am fuasgladh a tha gu bhith ann, oir 's e a th' ann an option appraisal far a bheil a' choimhearsnachd agus na buidheanan poblach ag obrachadh còmhla air dè an dòigh as fheàrr a thèid air adhart.

"Tha tuilleadh chòmhraidhean gu bhith ann, tha dòighean eile gu bhith ann airson coimhead ri seo agus thèid an obair sin air adhart anns na mìosan a tha romhainn", thuirt i.

'B e seo a' choinneamh mu dheireadh leis a' Bh.Ph. Choineagan sa chathair, ach thuirt i gum fuirich i an sàs sa phròiseas gu ìre.

Ged nach eil cùisean an còmhnaidh air a bhith rèidh eadar luchd-iomairt agus am bòrd-slàinte, dh'innis i gu bheil i den bheachd gu bheil co-obrachadh math a' dol air adhart.

Ciallach

"Chanainn a' chuid as motha den ùine gu bheil daoine a' tarraing air aon ràmh, ach tha an dòigh anns a bheil dà bhuidheann eadar-dhealaichte a' coimhead ris an t-saoghal gu math eadar-dhealaichte uaireannan.

"Cuideachd, chan e rud furasta a tha seo. Dh'iarr Lewis Ritchie gum biodh co-obrachadh a' tachairt eadar a' choimhearsnachd agus na buidheanan poblach agus chan eil sin furasta.

"Ach a dh'aindeoin sin, tha mise a' smaoineachadh gu bheil iad air mòran a choileanadh chun seo agus gun tig tòrr a bharrachd às, agus gu bheil daoine gu math ciallach agus gu math deònach obrachadh còmhla airson a' mhathais as fheàrr a thoirt às a' phròiseas a tha seo", thuirt i.

Thuirt Bh.Ph. Choinneagan cuideachd gu bheil Covid-19 air maill a chur air ath-leasachadh sheirbheisean san Eilean Sgitheanach, ach gu bheil i dòchasach mun ghnothach.

Dh'iarr i air gach taobh leantainn orra conaltradh agus èisteachd ri chèile.