McCann air a dhòigh le ICT

  • Air fhoillseachadh
Inbhir NisTùs an deilbh, SNS

Thuirt manaidsear eadar-amail Chaley Thistle Inbhir Nis, Neil McCann, gu bheil an sgioba air adhartas mòr a dhèanamh ann an ùine ghoirid.

Tha Inbhir Nis a-nise anns na h-àiteachan play-off aig mullach an Championship is iad air an gnothach a dhèanamh 4-1 air Morton ann an Grianaig oidhche Mhàirt.

B' e seo an siathamh geama a bhuannaich iad ann an sreath.

Sònraichte

Chaidh ICT air thoiseach le dà thadhal ann an dà mhionaid dìreach ro leathach-slighe bho Scott Allardice is Nikolay Todorov.

Fhuair Morton tadhal air ais bho Robbie Muirhead ach fhreagair Inbhir Nis le oidhirpean air leth bho Todorov a-rithist agus Daniel Mackay.

Chìthear na tadhail air fad an seo.

Thuirt Neil McCann às dèidh làimh gu bheil an sgioba aige làn misneachd an-dràsta.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh ICT air thoiseach ann an Grianaig bho bhreab-saor.

"Àite doirbh a th' ann an Grianaig is bha againn ri sealltainn gur e sgioba cheart a th' annainn is 's e sin a rinn sinn", thuirt McCann.

"Bha na tadhail uile rudeigin sònraichte ach 's e mar a chluich sinn mar sgioba an rud as tlachdmhoire dhomh.

"'S e comharra a th' ann air cho fada 's a thàinig an sgioba seo is tha a h-uile duine 'son a bhith a' cluich an-dràsta", thuirt e.

Tha Inbhir Nis a-nise sa cheathramh àite san lìog is ceithir geamaichean air fhàgail aca. Tha còig geamaichean air fhàgail aig an dà sgioba a bha fodhpa, Dùn Phàrlain is Queen of the South.

Làidir

Tha geama mòr eile aig ICT Disathairne an aghaidh QoS fhèin ann an Dùn Phris.

Thuirt McCann gum bi iad deiseil air a shon.

"Tha rudeigin gu math làidir mun bhuidhinn seo an-dràsta is 's e sin an dearbh rud a tha thu ag iarraidh aig an ìre seo den t-seusan.

"Tha sinn a' buannachadh is tha misneachd a' sìor fhàs", thuirt e.