Deuchainn an A83 air a leudachadh

  • Air fhoillseachadh
Rathad
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn maoim-sleìbhe san Lùnastal 2020 sgrios air an rathad.

Chaidh deuchainn leis an A83 aig an Rest and Be Thankful a bhith fosgailte là 's a dh'oidhche a leudachadh gu toiseach na h-ath-sheachdain.

Thuirt Bear Alba gu bheil cothrom ann measadh a dhèanamh air mar a tha na ceumanan ùra aca a' dèiligeadh ri uisge trom.

Cha robh an rathad air a bhith fosgailte làn-ùine bho thàinig na mìltean thunnaichean de sprùilleach a-nuas air san Lùnastal an-uiridh.

Thòisich Bear Alba deuchainn Diluain is an rathad gu bhith fosgailte là 's a dh'oidhche fad dà là.

Dh'innis iad gun robh an deuchainn sin soirbheachail is gun robh an aimsir air a bhith an ìre mhath.

Uisge

Le uisge trom a-nise air tighinn a-steach, cho-dhùin Bear an deuchainn a leudachadh gu toiseach na h-ath-sheachdain.

Thuirt iad gur e cothrom a tha seo measadh a dhèanamh air mar a tha an rathad agus na ceumanan a tha iad a' cur an sàs 'son a dhìon bho mhaoimean-slèibhe ag obrachadh ann an aimsir nas miosa.

Dh'innis Eddie Ros bho Bhear Alba gur e sàbhailteachd luchd-cleachdaidh an rathaid an rud as cudromaiche, is nach bi an rathad fosgailte ach ma tha e sàbhailte.

Thuirt e gu bheil iad deiseil trafaig a ghluasad gu Seann Rathad an Airm ma tha feum air sin.

Chuir ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Robin Currie, fàilte air an deuchainn aig toiseach na seachdain seo, ach thuirt e gu bheil feum air fuasgladh maireannach cho luath 's a ghabhas.