Bothain sna h-Eileanan Mòra san amharc

  • Air fhoillseachadh
Eilean an TaigheTùs an deilbh, John Tayton

Tha plana ann dà bhothan a thogail do luchd-turais sna h-Eileanan Mòra a tha suidhiche eadar Leòdhas agus tìr-mòr agus far nach eil duine a' fuireach tuilleadh.

Dh'fhalbh na daoine mu dheireadh às na h-eileanan ann an 1905 agus chan eil goireasan mar bhùrn an tapa ann.

Bidh na h-eileanan a' tarraing dhaoine a tha airson eòin mar choltraichean, sgrabairean, buthaidean, pàraigean agus iolairean-mara fhaicinn.

Bidh iad a' campachadh agus a' cleachdadh taighe a thoghadh bho chionn 150 bliadhna airson biadh a dhèanamh.

Bhiodh àite-fuirich ann do cheathrar anns gach bothan a thathar a' moladh.

Tùs an deilbh, Tom MacNeacail
Fo-thiotal an deilbh,
Tha taigh 150 bliadhna de dh'aois air an eilean as motha, Eilean an Taighe

Tron t-seusan turasachd bidh suas ri ochdnar a' dol ann aig an aon àm agus, sa chumantas, bidh iad a' fuireach ann airson seachdain.

Thàinig am beachd airson bothain a stèidheachadh dhaibh bho na h-àiteachan-fuirich a bh'aig an fheadhainn a bha ag obair ann gu saor-thoileach airson cur às do na rodain dubha sna h-Eileanan Mòra.

Cha robh na beathaichean dùthchasach dha na h-eileanan agus thathar den bheachd gun tàinig iad air tìr bho shoithichean a chaidh air na creagan san naoidheamh linn deug.

Bhiodh na rodain ag ithe uighean nan eun a tha a' neadachadh air an talamh.

Ann an 2018 thuirt luchd-glèidhteachais gun do shoirbhich leis a' phròiseact leis nach fhacas rodan dubh ann airson dà bhliadhna.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh daoine a' dol dha na h-Eileanan Mòra airson eòin-mhara mar bhuthaidean fhaicinn

Thuirt Tom MacNeacail, leis a bheil na h-eileanan, gu bheil e airson dà bhothan ùr a thogail a fhreagras air an àite.

Bidh e a' cur air dòigh iomairt airson airgead a thogail air an son sa Chèitean agus e an dòchas gum bi iad deiseil as t-samhradh 2022 dhaibhsan a bheir seachad airgead.

Thuirt e nach còrdadh e ris a h-uile duine a bhith a' fuireach sna h-Eileanan Mòra agus gur iad mar as trice a bh' air an tarraing ann daoine a tha airson a bhith a' fuireach air an oir greiseag agus a bhith a' faicinn nan eun-mara.