Thuirt Lùchairt Bhuckingham gun do bhàsaich Diùc Dhùn Èideann aig aois 99
- Air fhoillseachadh

Dh' innis Lùchairt Bhuckingham gu bheil am Prionnsa Philip, cèile-pòsta an dàrna Banrigh Ealasaid, air caochladh aig aois 99.
Thuirt Lùchairt Bhuckingham: "'S ann le bròn mòr a tha a' Bhanrigh ag ainmeachadh gun do chaochail a cèile gaolach, Am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann.
"Dh'eug am Prionnsa Philip gu sìtheil madainn an-diugh aig Caisteal Windsor."
Thuirt Boris Johnson gun tug e "brosnachadh do bheathan iomadh duine òig".
A' bruidhinn air stairsneach Sràid Downing, thuirt am Prìomhaire: "Stiùir e an Teaghlach Rìoghail agus a' mhonarcachd airson an t-àite cudromach aca a chùm sonas agus rèidheachd ar beatha nàiseanta a ghlèidheadh."
Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun robh i air leth duilich an naidheachd mu bhàs an Diùc a chluinntinn.
Ann an teachdaireachd air Twitter thuirt i: "Tha co-fhaireachdainn agam fhèin - agus aig Riaghaltas na h-Alba agus muinntir na h-Alba - leis a' Bhanrigh agus a teaghlach."
Phòs am Prìonnsa Philip a' Bhana-phrionnsa Ealasaid ann an 1947, còig bliadhna mus deach a crùnadh, agus b' e an cèile a b' fhaide a bha pòsta aig monarc ann an eachdraidh Bhreatainn.
Sa Mhàrt, dh'fhàg Diùc Dhùn Èideann an t-ospadal an dèidh dha a bhith ann fad mìos.
Chaidh e fo lannsa airson tinneas cridhe aig ospadal eile ann an Lunnainn - St Bartholomew's.
Bha ceathrar chloinne aig a' Phrionnsa Philip agus a' Bhanrigh, ochd oghaichean agus deichnear de dh'iar-oghaichean.
Rugadh a' chiad mhac aca, am Prìonnsa Teàrlach, ann an 1948, agus a' Bhana-phrionnsa Rìoghail Anna ann an 1950. Thàinig Diùc York, am Prionnsa Anndra dhan t-saoghal ann an 1960, agus rugadh Iarla Wessex, am Prionnsa Èideard, ann an 1964.
Rugadh am Prionnsa Philip air an eilean Ghrèigeach, Corfu, air an 10mh den Ògmhios 1921.
B' e athair dha Prionnsa Anndra na Grèige agus na Danmhairge, fear de na mic as òige de chiad Rìgh Seòras nan Hellenes.
B' e a mhàthair nighean a' Mhorair Louis Mountbatten, a' Bhana-phrionnsa Alice, tè de dh'iar-iar-oghaiche na Banrighinn Bhioctòria.