Dragh mun Ghàidhlig sa Chaibineat ùr

  • Air fhoillseachadh
An Caibineat ùrTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhoillsich Nicola Sturgeon an sgioba ùr aice Diciadain

Thog a' bhuidheann-iomairt Misneachd dragh nach robh a' Ghàidhlig air ainmeachadh mar phàirt de dhreuchdan caibineat Riaghaltas na h-Alba a chaidh fhoillseachadh Diciadain.

Fhuair am BBC dearbhadh Diardaoin gur ann fo dhleastanasan Rùnaire an Fhoghlaim a tha a' Ghàidhlig a' fuireach.

'S i Shirley Ann Somerville a bhios anns an dreuchd sin a-nis.

Nuair a chaidh dreuchdan a' chaibineit fhoillseachadh Diciadain, cha robh e follaiseach sa chiad dol-a-mach cò air a bhiodh uallach airson na Gàidhlig.

Bha beachd ann gum fuiricheadh i le Rùnaire an Fhoghlaim agus 's e sin a thachair le Shirley-Anne Somerville a' gabhail àite Iain Swinney.

Chuir a bhuidheann-iomairt Misneachd fàilte oirre dhan dreuchd ach thuirt iad gun robh e na bhriseadh-dùil nach deach a' Ghàidhlig ainmeachadh sna portfoilios.

Thuirt iad gu bheil foghlam gu math cudromach, ach gu bheil adhartas a dhìth ann an roinnean eile mar a chaidh a ghealltainn ann am manifesto an SNP a thaobh Gàidhlig a neartachadh anns na coimhearsnachdan dùthchasach; 'Gàidhealtachd' oifigeil a chruthachadh; agus bile cànanan na h-Alba a chur air adhart.

"Chan eil Gàidhlig air a h-ainmeachadh idir, agus saoilidh mi gum bu chòir co-dhiù fo-mhinistear air choireigin a bhith ann, gu sònraichte aig an àm seo," thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd.

"A thaobh na tha a' tachairt leis a' Ghàidhlig, an rannsachadh a thàinig a-mach an-uiridh, an staid anns a bheil sinn, tha cruaidh-fheum air sealladh eadar-dhealaichte air a' Ghàidhlig.

"Chan eil i idir dìreach ceangailte ri foghlam. Tha còir aig a' Ghàidhlig a bhith ceangailte ri, can, Ministear nan Eilean," thuirt e.

Thog Misneachd dragh cuideachd nach robh a' Ghàidhlig air a h-ainmeachadh mar phàirt de bhileag an SNP air ciad cheumannan a' phàrtaidh, is iad ag iarraidh dearbhaidh bhuapa gu bheil a bhith a' dèilgeadh ri staing na Gàidhlig na phrìomhachas dhaibh.