A' chiad shoitheach turasachd an Steòrnabhagh 'son bliadhna gu leth

  • Air fhoillseachadh
Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,
Chan eil soithichean luchd-turais air a bhith a' tadhal air Cala Steòrnabhagh 'son bliadhna gu leth.

Tadhlaidh a' chiad shoitheach turasachd den bhliadhna air cala Steòrnabhaigh Dihaoine.

Chan eil bàta de luchd-turais air a bhith sa bhaile ann am bliadhna gu leth.

Coltach ri bàtaichean eile a tha air a bhith a' tadhal air a' Ghaidhealtachd agus eileanan eile bho chionn ghoirid, cha bhi ach mun dàrna leth de luchd-turais air an Hebridean Sky sa bhiodh ann gu h-àbhaisteach.

Tha Leas Mhaighstear a' chala aig Port Steòrnabhaigh, Alasdair Mac a' Ghobhainn, an dòchas gur e comharra tha seo gu bheil cùisean a' tòiseachadh a' tilleadh chun an àbhaist.

"A-nis, tha rudan beag air bheag a' dol air ais nas fhaisge air na bha iad, agus 's e seo a' chiad cheum tha mi a' creidsinn dhuinne.

"'S e seo a' chiad tè a tha a' tighinn a-steach - chan e tè mhòr a th' innte - chan eil i mòr agus chan eil na tha sin oirre.

"Chan eil ach beagan is 60 de luchd-siubhail air bòrd, 's ann às an Rìoghachd seo fhèin a tha iad gu lèir.

"'S e toiseach tòiseachaidh a th' ann agus tha e math dhan chala agus tha e math dhan eilean cuideachd gu bheil luchd-turais a' tighinn air ais beag air bheag ann an dòigh chiallach agus tha mi smaoineachadh, seasmhach", thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn.