Tubaist-rathaid faisg air an Aghaidh Mhòir

  • Air fhoillseachadh
An A95Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,
Thachair an tubaist air an A95 oidhche Haoine

Tha fear-baidhseagail ann an cunnart a bheatha às dèidh tubaist le càr faisg air an Aghaidh Mhòir oidhche Haoine.

Thachair an tubaist, le car Peugeot 307 dearg, air an A95 mu 22:25f.

Chaidh am fear-baidhseagail, a tha 18, a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha Poileas Alba ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist, neo aig a bheil dealbhan dashcam, fios a chur thuca.