Là na saoirse?
- Air fhoillseachadh

Chaidh cur às dhan a' mhòr chuid de riaghailtean Covid ann an Alba.
Chan eil e riatanach cumail ri astarachadh sòisealta a-nis anns a' mhòr chuid de dh'àiteachan, agus faodaidh caraidean coinneachadh ri chèile mar a thogras iad. Ach, tha masgaichean fhathast riatanach ann am bùithtean agus air còmhdhail phoblach.
Bha cead aig clubaichean-oidhche fosgladh aig meadhan-oidhche airson a' chiad turas bhon Mhàrt agus faodaich tachartasan mòra a-muigh agus a-staigh a dhol air adhart a-rithist.
Tha cuid a' gabhail là na saoirse air dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air daoine a bhith faiceallach le Rùnaire na Slàinte, Humza Yousaf, ag ràdh gun robh "am bhìoras fhathast nar measg".
Bacaidhean
Bidh beatha dhaoine nas fhaisge air mar a bha e ron phandemic.
Faodadh bùithtean cur às de shlighean aon taobh agus an casg air àireamhan de luchd-ceannach.
Cuideachd, faodaidh buidhnean còmhdhail mòran a bharrachd luchd-siubhail a ghabhail, rud a bhios na fhaochadh mòr a thaobh na h-aiseagan.
Dh'innis Nicola Sturgeon Dihaoine nach fheumadh clann fo aois 12 masc a bhith orra a-nis.
Feumaidh tidsearan agus clann sgoile san àrd-sgoil cumail leis na mascaichean airson sia seachdainean às dèidh na sgoiltean a dhol air ais.