Planaichean 'son ionad spòrs ann am Foithir

  • Air fhoillseachadh
An làraich aig Foithir
Fo-thiotal an deilbh,
An làrach ann am Foithir far a bheilear an dùil leasachadh a dhèanamh

Chaidh planaichean oifigeil fhoillseachadh airson ionad spòrs ùr ann am Foithir faisg air Loch Nis.

Tha Urras Srath Fharragaig agus Foithir a tha os cionn na pròiseict a' sireadh bheachdan ro cho-dhùnadh Comhairle na Gàidhealtachd mu chead-dealbhachaidh an ath-mhìos.

Fhuair an t-urras airgead bho leasachaidhean gaoithe san sgìre agus às dèidh conaltradh leis a' choimhearsneachd, thàinig iad gu co-dhùnadh an t-airgead a chur ri ionad spòrs ùr a thogail.

Tha cuid sa choimhearsneachd dòchasach gum bi an t-ionad seo a' tarraing theaghlaichean agus daoine òga dhan sgìre, ach tha draghan aig feadhainn eile mu dheidhinn trafaig is eile.

"Às dèidh naoi bliadhna de dh'obair tha an t-iarrtas airson cead-dealbhachaidh a-nis aig a' chomhairle," thuirt ceannard an Urrais,Tony Foster.

"Tha obair mhòr ri dhèanamh airson an làrach seo a leasachadh agus feumaidh sinn airgead eile a thogail mus gluais sinn air adhart ach tha sinn an dòchas gum bi ionad air choireigin ann an ceann dhà no trì bhliadhnaichean," thuirt Mgr Foster.

Dòchas

Tha am buidheann air achadh a cheannach faisg air an làraich-champachaidh sa bhàile agus iad an dòchas ionad spòrs le pàirce-chàraichean a thogail an sin.

A thuilleadh air an sin bhiodh goireasan taobh a-muigh an togalaich airson spòrs eile leithid sreap, golf agus teanas-bùird.

Tha daoine a tha a' fuireach faisg air an achadh air gearanan a thogail ge-tà le fuaom, sàbhailteachd rathaid agus milleadh na h-àrainneachd am measg an cuid ghearanan.

"Tha sinne a' faireachdainn nach eil a' mhòr-chuid de dhaoine a' fuireach an-seo ga iarraidh," thuirt Alf Mac an Tàilleir.

Tha cuid a dhaoine den bheachd nach eil gu leòr dhaoine oga a' fuireach sa sgìre airson feum a dhèanamh air an leithid.

Tha dùil ri co-dhùnadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd a thaobh cead-plànaidh airson an leasachaidh anns na seachdainean a tha romhainn.