Bothain Beinne na h-Alba a' fosgladh

  • Air fhoillseachadh
BothanTùs an deilbh, Nigel Corby/Geograph

Fosglaidh bothain beinne an Alba a-rithist an t-seachdain seo às dèidh a bhith duinte fad còrr is bliadhna air sailleibh Covid-19.

Bidh luchd-sreap, luchd-coiseachd is luchd-baidhsagail a' cleachdadh nam bothan a tha suidhichte ann an grunn àiteachan air feadh na dùthcha.

Dh'innis Comann nam Bothan Beinne gu bheil iad a' fosgladh nam bothan aca bho Dhiluain is riaghailtean co-cheangailte ris a' Choròna-bhìoras air an lagachadh.

Tha an comann a' coimhead às dèidh 105 bothan agus dà fhasgadh èiginneach le 86 dhiubh sin ann an Alba.

Chaidh na bothain ann an Sasainn agus sa Chuimrigh fhosgladh mar-thà.

Dh'iarr Comann nam Bothan Beinne air daoine cumail ris na riaghailtean a thaobh Covid-19 agus a bhith cùramach ann a bhith gan cleachdadh a-rithist.