A' coinneachadh le cearban-grèine far Hiort
- Air fhoillseachadh

Thàinig maor-dùthcha a tha ag obair ann an Hiort cho faisg 's a ghabhas ri cearban-grèine òg is e a-muigh a' snamh sa bhàgh far an eilein.
Chunnaic Craig Nisbet an cearban a-muigh sa bhàgh agus fhuair e an camara aige agus stuth snorcalaidh is e am beachd dealbh fhaighinn bho astar.
Fhad 's a bha Mgr Nisbet sa mhuir, thàinig an creutair a bha mu 3 meatairean a dh'fhaid cho faisg air ri aon mheatair.
Bha Mgr Nisbet, a tha ag obair airson Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Hiort, a' dèanamh cinnteach nach robh e a' dol ro fhaisg air a' chearban ach rinn e an gnothach air dealbh no dhà fhaighinn.
Socair
Fhad 's a bha e socair sa mhuir, thàinig an cearban faisg air Mgr Nisbet dà thrup eile, a' snàmh mu dhà mheatair air falbh bhuaithe agus an uairsin mu mheatair air falbh.
"Bha e gu follaiseach ag ithe agus a' dùnadh a bheòil an-dràsta is a-rithist, a' sluigeadh beò-phlancton", thuirt Mgr Nisbet.
"Thill mi gu tìr agus cha mhòr gum b'urrainn dhomh a chreidsinn na chunnaic mi.
"Ghlan mi an camara agus bha mi cho toillichte na dealbhanan fhaicinn", thuirt e.
'S e cearban-grèine an dàrna iasg as motha san t-saoghal agus ruigidh iad faid de 10m.
Bidh iad a' gluasad bho chostaichean Afraca an Iar gu taobh siar na h-Alba far am bi iad a' cruinneachadh airson briodadh.