Lorg chàrboin an iasgaich co-ionnan ri 110,000 dachaigh

  • Air fhoillseachadh
Tràladh

Tha buidhnean àrainneachdail ag iarraidh air gnìomhachas an iasgaich fàs nas uaine.

Tha iad ag ràdh gu bheil bàtaichean-iasgaich Bhreatainn a' cruthachadh a' cheart uimhir de chàrbon dà-ocasaid ri 110,000 dachaigh.

Tha an aithisg le WWF, Comann Dìon na Mara agus an RSPB ag ràdh gum feum cleachdaidhean iasgaich atharrachadh airson càrbon a th' ann an grunnd na mara a dhìon.

Tha iad ag ràdh gu bheil tràladh is dreidseadh air a' ghrunnd a' cur dragh air càrbon a th' air a stòradh an sin.

Casg

Airson cùisean a chothromachadh thairis air 25 bliadhna, tha iad ag ràdh gun cosgadh e £9bn.

Dh'iarradh iad gun deadh na cleachdaidhean a chasg, gu h-àraid ann an sgìrean a th' air an dìon.

Tha iad cuideachd airson 's gun tèid iasgairean a bhrosnachadh gus connadh nas uaine a chleachdadh.

Tha ceannardan iasgaich a' gabhail ris gum feum cùisean atharrachadh, ach thuirt iad nach eil an làrach chàrboin aca cho dona 's a tha luchd-glèidhteachais ag ràdh.