Rathaidean Ghallaibh "cunnartach"
- Air fhoillseachadh

Tha e a' faileachadh air Comhairle na Gàidhealtachd rathaidean Ghallaibh a chumail aig ìre, a rèir buidhne iomairt.
Sgrìobh a' bhuidheann Caithness Roads Recovery, a tha ag iomairt airson rathaidean nas fheàrr fhaighinn san sgìre, gu Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba a ghearain gu bheil beò-shlaint agus beatha dhaoine ann an Gallaibh gan cur ann an cunnart.
Tha iad ag ràdh nach eil Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh an dleastanais a thaobh rathaidean a chàradh.
Thuirt iad gu bheil cuid de rathaidean san sgìre faisg air tuiteam às a chèile, 's iad ag iarraidh rannsachaidh air fàiligidhean aig an ùghdarras ionadail.
"Saoilidh mi gu bheil sinn a-niste aig ìre far a bheil seo riatanach," thuirt labhraiche na buidhne, Iain Gregory.
"Tha sinn air a bhith ag obair air seo bho dheireadh a' Ghearrain, 's sinn a-niste leis a' mhòr-chuid den Lùnastal air ar cùlaibh.
"'S e an suidheachadh a th' ann, gu bheil dleastanas air an ùghdarras ionadail - Comhairle na Gàidhealtachd an seo - fo Earrann a h-Aon de dh'Achd nan Rathaidean (Alba) 1984, na rathaidean poblach a chumail ann an deagh staid.
"'S e na tha sinne agus mòran dhaoine a bharrachd sa chunntaidh seo ag ràdh, nach eil ìre a' chàraidh faisg air mar a bu chòir. Tha seo air a bhith a' leantainn ùine mhòr, agus feumar a chur ceart.
"Tha sinn a' faireachdainn a-niste nachn eil an dàrna roghainn againn ach seo a thoirt gu ìre nas àirde," thuirt e.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach £1.2m a chur mu choinneimh obair-càraidh air rathaidean Ghallaibh am-bliadhna.
Thuirt iad gu bheil iad an urra ri 6,771 cilemeatair de rathaidean uile gu lèir, agus gun deach £2.2m a chur mu choinneimh na h-obrach-càraidh air fad a tha aca ri dhèanamh am-bliadhna.