Airgead ga shireadh 'son taighean ùra an Canaigh

  • Air fhoillseachadh
Eilean Chanaigh

Tha muinntir Eilein Chanaigh a' lorg tabhartasan gus an cuideachadh trì taighean ùra a thogail a bhiodh ann an làmhan na coimhearsnachd.

Thathas ag amas air sluagh an eilein, far a bheil 15 duine a' fuireach an-dràsta, àrdachadh gu 30 duine.

Chan eil taighean falamh rim faighinn an-dràsta airson daoine ùra ge-tà.

Tha Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Eilein Chanaigh ag iarraidh gun tèid £200,000 a thogail, agus gun tèid tòiseachadh air obair togail an ath-bhliadhna.