Ionad-taice fastaidh do dh'òigridh an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-ionad ùr stèidhichte ann an talla a' bhaile.

Thèid ionad ùr fhosgladh ann an Steòrnabhagh Dihaoine airson taic a chumail ri duine òga anns na h-Eileanan an Iar a tha a' sireadh obrach.

Air a ruith le Comhairle nan Eilean Siar, tha an t-ionad ag amas air sgilean òigridh a leasachadh, gu h-àraid às dèidh buaidh a' phandemic.

Tha an t-ionad ùr a tha stèidhichte ann an talla bhaile Steòrnabhaigh a' toirt ri chèile diofar bhuidhnean a tha ag amas air daoine òga a chuideachadh obair neo trèanadh a lorg.

Am measg na bhios an sàs ann, tha DYW Innse Gall, a tha a' co-òrdanachadh eadar sgoiltean agus luchd-fastaidh.

Thèid an t-ionad, air a bheil Hub, fhosgladh Dihaoine le ministear Riaghaltas na h-Alba airson trèanadh òigridh, Jamie Hepburn.

Thuirt esan gur e fìor dheagh eisimpleir a th' ann de bhuidhnean ionadail ag obair còmhla airson daoine òga a chuideachadh, gu h-àraid às dèidh buaidh a' phandemic.

Thuirt cathraiche foghlam Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gum bi buannachd mhòr an lùib a bhith a' toirt ri chèile buidhnean leithid sgoiltean, Colaisde a' Chaisteil agus Buidheann Leasaichaidh Sgilean na h-Alba.

Lean e air a bhith ag ràdh gu bheil obraichean is cothroman trèanaidh do dh'òigridh riatanach airson dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachd nan eilean seasmhach san ùine fhada.