Coinneamh "mhisneachail" ri Ministear ùr na Còmhdhail

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' faicinn boillsgeadh dòchais mu na seirbheisean aiseig agus iad den bheachd gu bheil tuigse nas fheàrr aig Ministear ùr na Còmhdhail, Graham Dey, air na trioblaidean a th' ann.

Choinnich riochdairean na Comhairle ris-san Diardaoin, agus leig iad fhaicinn dha cuideachd cho mì-thoilichte 's a tha iad mu phlana HIAL seirbheis-iùil nam port-adhair a ghluasad a dh'Inbhir Nis.

"Bha mi gu math toilichte leis a' choinneimh," thuirt Cathraiche Comataidh na Còmhdail aig a' Chomhairle, Ùisdean Robadsan.

"Dh'fhairich mi gur e duine a th' ann aig a bheil a chuid bheachdan fhèin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e air faicinn thairis air an ùine a th' air a bhith ann, na draghanan a th' air daoine, agus gun dèilig e ri sin.

"Tha sinn air iomadach ministear fhaicinn o chionn dhà no trì bhliadhnaichean, agus chan eil sinn air gluasad mòr sam bith fhaighinn.

"Ach ghabh mi misneachd às a' chòmhradh a bh' againn an-diugh feumaidh mi a ràdh," thuirt e.