Thèid cur às do shiostam trafaig Chovid Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Siostam trafaig Chovid Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an siostam a chur an sàs gus barrachd rùm a thoirt do dhaoine airson astarachaidh shòisealta air na cabhsairean

Bhòt comhairlichean Comhairle na Gàidhealtachd airson cur às dhan t-siostam aona-shligheach a chaidh a stèidheachadh gus smachd a chumail air an trafaig ann am meadhan baile Inbhir Nis.

Ach cha tèid cus atharrachaidh a thoirt air Sràid na h-Acadamaidh - far a bheil barrachd rùm air a bhith ann dhaibhsan a tha a' coiseachd agus a' rothaireachd.

Chaidh an siostam a chur an sàs airson barrachd rùm a thoirt do dhaoine air na cabhsairean, ach an deadh aca air cumail air falbh bho chèile ri linn Chovid.

Dh'fhaodadh gum bi àm na Nollaige ann mus tèid siostaman rathaid a' bhaile a thilleadh gu mar a bha iad ron phandemic.