Tuilleadh chùisean Chovid aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun deach 12 cùis ùr de Chovid a chlàradh san sgìre Diardaoin - aon ann am Barraigh, dà chùis an Uibhist a Deas, aon chùis ùr am Beinn nam Fadhla agus tè sna Hearadh.

Tha seachd cùisean ùra ann an Leòdhas, ceithir dhiubh sin le ceangal ri Sgoil nan Loch.

Tha sin a' ciallachadh gu bheil 11 chùis air an dearbhadh a-nis san sgapadh sin.

Thuirt an t-ùghdarras slàinte gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil seo na adhbhar dragh do phàrantan, ach tha iad ag ràdh gum faod clann fhathast a dhol dhan sgoil mura h-eil comharran orra agus mura deach iarraidh orra le Deuchainn agus Dìon an cumail fhèin fa leth.

Dh'iarr NHS na Gàidhealtachd air a' phoball a bhith furachail gus bacadh a chur air sgapadh Covid san sgìre.

Chaidh 229 cùis ùr a dhearbhadh Diardaoin - tè de na h-àireamhan làitheil as motha bho thòisich am pandemic.

Thairis air an t-seachdain mu dheireadh, tha am bòrd slàinte air dèiligeadh ri còrr is mìle cùis agus tha seo air buaidh a thoirt air an treas chuid de sgoiltean na Gàidhealtachd agus sgoilearan agus luchd-teagaisg gan cumail fa leth.