Ceann bliadhna fhosgladh Drochaid Dhòrnaich

  • Air fhoillseachadh
Drochaid DhòrnaichTùs an deilbh, GEOGRAPH:IAINRMAXWELL
Fo-thiotal an deilbh,
B' i Màthair na Ban-righinn a rinn fosgladh oifigeil air an drochaid ann an 1991.

Tha 30 bliadhna Dihaoine on a dh'fosgladh Drochaid Dhòrnaich a' ceangal taobh sear Rois ri Cataibh.

Gheàrr an drochaid mu 45 mionaid agus mu 30 mìle far na slighe.

Chosg i £13.5m aig an àm - mu £30m ann an airgead an là an-diugh .

Ach tha mòran de mhuinntir na sgìre den bheachd gum b' fhiach i a h-uile sgillinn dheth.

Nam measg tha an t-Urr. Donnchadh MacLeòid, a bha a' fuireach ann an Cataibh aig an àm.

"Tha cuimhne agam nuair a chaidh mi dhan sgìre an tòiseach, nam biodh tu a' dol a dh'Inbhir Nis bheireadh e fad là dhut," thuirt e.

"'S e là sònraichte anns an sgìre a bh' ann, bha sinn dìreach cho taingeil gun robh seo air a thighinn, mu dheireadh às dèidh a bhith feitheamh ris cho fada."

Tha cuid anns na bailtean tro am b' àbhaist do dhaoine a bhith a' siubhal ge-tà, nach eil cho cinnteach gun robh buaidh uile gu lèir math aig an drochaid.

"Tha gu leòr ann, ged nach eil iad an aghaidh na drochaid, b' fheàrr leotha air dòigh nach robh i idir air tighinn," thuirt Tormod Dòmhnallach, a tha a' fuireach ann an Drochaid a' Bhanna.

"Chan eil buannachd sam bith a' tighinn às an drochaid airson Àird Gaoithe, no Drochaid a' Bhanna.

"Bha, uaireigin, bha a h-uile càil a' dol tro na bailtean a tha sin, agus nan tuiteadh an oidhche - bhon tha an ceann a tuath tòrr nas fhaide bho Inbhir Nis na tha tòrr den bheachd - bha iad a' stad letheach-slighe.

"Eadar, tha mi a' creids' Dòrnach cuideachd, suas gu Brùra, agus an Àird Gaoithe agus Drochaid a' Bhanna.

"Ach an-diugh tha iad a' dol dìreach suas, 's chan eil iad a' bualadh anns an àite idir," thuirt e.